Chaidh Niall O’Gallagher ainmeachadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig air 18 an Dàmhair 2023. Fhuair e an crùn bho Phàdraig MacAoidh, a bha na Bhàrd a’ Chomuinn gu ruige seo.

LLG: Dè tha fa-near dhut anns an dreuchd ùr – a bheil planaichean sònraichte agad mar-thà?
Niall O’Gallagher (NOG): Sgrìobhadh – sin an rud as cudromaiche. Às dèidh corra bhliadhna a chur seachad a’ dèanamh sgeul-dhàin fhaide, tha e a’ còrdadh rium tilleadh do dhàin nios giorre. Tha mi an dòchas cuideachd òran ùr a chumadh ro dheireadh na bliadhna agam.
LLG: ’S e aon de na h-urraman as àirde ann an saoghal litreachas na Gàidhlig a th’ ann an crùn bàrd a’ Chomuinn. Ach chan eil ann ach aon. Cò na bàird nach d’fhuair leithid de aire gu ruige seo a mholainn tu gu h-àraid?
NOG: Saoileam gu bheil e anabarrach cudromach gum bi sinn uile a’ leughadh nam bàrd a thàinig romhainn. Chan e breitheamh a tha annam, mar sin chan urrainn dhòmhsa ach bruidhinn mun bhàrdachd a chòrdas rium fhèin. Bha grunn bhliadhna nach deach Crùn na Bàrdachd a thoirt seachad, ged a bha rudan glè inntinneach a’ tachairt ann am bàrdachd na Gàidhlig aig an am. Bu toil leam an obair aig Fearghas MacFhionnlaigh a leughadh ann am barrachd doimhneachd, agus i dùbhlanach, mac-meanmnach, eug-samhail.
LLG: A bharrachd air a’ bhàrdachd agad fhèin, tha thu air a bhith ag eadar-theangachadh gu Gàidhlig bho chànanan eile. Cò na sgrìobhadairean – agus carson a thagh thu iad?
NOG: ‘S ann don Bheurla agus don Bheurla Ghalda a bha a’ chuid as motha den eadar-theangachadh agam thuige seo. Chan eil mi cinnteach daonnan gur e roghainn a tha ann. Thig eadar-theangachaidhean thugad a mar a thig dàin ùra, gun dùil. Ach chuir mi romham Gàidhlig na h-Alba a chur air dàin le Biddy Jenkinson do STEALL 1, a chionn ’s gur e sàr bhàrd a tha innte agus a chionn ’s gun d’rinn i fhèin an roghainn dàna gun leigeil le daoine Beurla a chur air a’ bhàrdachd aice, ann an Èirinn co-dhiù. Bha cothrom ann, mar sin, dàin a chur fa chomhair luchd-leughaidh na Gàidhlig ann an Alba nach eil ri fhaodainn anns a’ Bheurla.
LLG: Bha thu ’nad Bhàrd Baile Ghlaschu, a-nis, tha thu ’nad bhàrd aig A’ Chomunn Ghàidhealach. ’Nad bheachd-sa, dè cho cudromach ’s a tha na sònrachaidhean oifigeil seo a thaobh na Gàidhlig – agus a-thaobh bàrdachd anns an fharsaingeachd? A bheil iad cuideachail?
NOG: Is e urram a tha ann an aithneachadh den t-seòrsa seo. Tha mi an dòchas gur e brosnachadh a tha ann don choimhearsnachd anns an fharsaingeachd cuideachd, a’ dearbhadh gu bheil bàrdachd ùr ga cumail ann an Gàidhlig anns an latha a tha ann. Dhòmhsa, is e an rud as cudromaiche an cothrom a chur gu feum gus an sgrìobhadh agad a leasachadh agus a leudachadh.
LLG: Tha mòran ann an Glaschu fhathast an aghaidh dualchas na Gàidhlig: ‘But it was never spoken here.’ Gu dearbh, leis an leabhar ùr aig Alasdair C. MacIlleBhàin, Glasgow’s Gaelic Place-Names, chualas beachdan coltach ri sin a-rithist agus gu tric. Ciamar a bu chòir dhuinn dèiligeadh ris an dùbhlan seo?
NOG: Mo bheannachd air Alasdair airson na h-obrach sin. Agus gur coma leinn an còrr.
LLG: A’ bruidhinn air cuspairean connspaideach… Anns na làithean seo, tha litreachas a’ dol an spàirn ri AI, mar eisimpleir ann an cruth Chat GPT. Ann an agallamh a nochd o chionn ghoirid, thuirt Noam Chomsky gur h-e ‘plagiarism-software’ a th’ ann. Dè do bheachd air buaidh AI air litreachas anns an fharsaingeachd – agus air litreachas na Ghàidhlig?
NOG: Cha d’ rinn mi cus meòrachaidh air a’ chuspair thuige seo. An do leugh sibh ‘The Computer’s First Christmas Card’ le Edwin Morgan? Is fhiach e. Nan dèanadh rìomhairean bàrdachd don tlachd fhèin, seach bàrdachd mhic-an-duine ath-aithris, saoil dè an seòrsa bàrdachd a dhèanadh iad? Mura h-eil ann am bàrdachd ach ath-aithris air na thàinig roimhpe, is rud truagh, suarach a tha innte, ge bith cò – no dè a chumas i.
Agallamh: Petra Johana Poncarová & Taylor Strickland
Dealbh: An Comunn Gàidhealach
FÈIN-DEALBH LE AIBREIG1
…un pot amb confitures de préssecs o albercocs – Josep Carner
Nach bu mhoth’ an tlachd aige
ag ithe na h-aibreige –
’s aoibhinn dha am meas milis
thairis air gach anailis.
Bidh tè daonnan ga cnàmhach
leis an fhilidh neo-làmhach
a’ cromadh air dàn sreathach,
torach, snadhach, ceilearach.
Nuair a bhitheas meas ithte
– a bhrìgh uile smuisichte –
togar fear ùr à cana
meirigeach a’ mhic-meanmna
’s cuirear na bheul gum pleasgadh
e, gach blas a’ co-mheasgadh
ri chèile air a theanga;
sin an t-sult a b’ fhallaine
(cha mhòr) a bh’ aig’ na bheatha –
a’ cumadh na h-ealaine.
Niall O’Gallagher
SELF-PORTRAIT WITH APRICOT
…un pot amb confitures de préssecs o albercocs – Josep Carner
It was always his favourite
the rich taste of apricot;
more pleasure in its sweetness
than any analysis.
The handless poet always
consumes them stalled in mid-phrase,
bent over souring verses:
warbling and full and luscious.
When a chunk has been finished,
the flesh dissolved, diminished,
more’s left over in the can,
the rusty tin of fancy,
that will explode on the lips
each new flavour eclipsing
the last blast on his palate.
O the fullest, halest fat
he’s ever got from a fruit –
the quickening tang of art.
Translated from the Gaelic by Peter Mackay
- Dàn a nochd don chiad uair ann an Suain nan Trì Latha agus a dh’fhoillsicheadh le tionndadh Beurla ann am Fuaimean Gràidh. ↩︎
Rugadh Niall O’Gallagher ann an 1981. Às dèidh dha bhith na oileanach agus an uair sin na oide aig Oilthigh Ghlaschu, chaidh e na neach-naidheachd agus thòisich e ag obair air na dàin a nochdadh anns a’ chiad chruinneachadh aige: Beatha Ùr (2013). Chaidh a leantainn ann an 2016 le Suain nan Trì Latha a fhuair mholadh ann an Alba agus Èirinn airson cleachdadh na seann mheadrachd Gàidhealaich gus dàin ghràidh ùra a dhèanamh. Thàinig an treas cruinneachadh aige, Fo Bhlàth, ann an 2020, agus na Dàin Taghta aige, Fuaimean Gràidh, ann an 2023.




Leave a Reply