Mun Iris

’S e iris air-loidhne a th’ ann an Lèirmheas Leabhraichean Ghlaschu. Tha i a’ foillseachadh sgrùdadh, aistean, agallamhan, agus altan air an eadar-theangachadh. Tha LLG toilichte sgrìobhadh ùr fhoillseachadh ann an cànanan na h-Alba air fad: Beurla, Gàidhlig, agus Albais. Tha sinn a’ cur fàilte air sgrùdagh ann an Gàidhlig agus ann an Albais. 

Chuir  Rebecca DeWald agus Mark West Lèirmheas Leabhraichean Ghlaschu air dòigh ann an 2013. Gu ruige 2023, bha Rebecca DeWald, Eilidh McCabe, Samuel Tongue, agus Mark West a’ deasachadh na h-iris. Eadar 2023 agus 2026, ghabh CD Boyland LLG os làimh. A-nis, ’s iad an luchd-deasachaidh Flora Arizpe Leask, Petra Johana Poncarová, Shane Strachan, and Taylor Strickland.

’S e prìomh-amas againn am bèarn a th’ ann airson sgrùdadh cùramach is cothromach a lìonadh, ach tha sinn a’ foillseachadh sgrìobhadh cruthachail cuideachd, gu h-àraid rosg goirid, bàrdachd, agus sgrìobhadh ann an cruthan measgaichte no le eileamaidean radharcach. Thoiribh an aire, ge-tà, gu bheil sinn a’ gabhail ri tagraidhean cruthachail a thàinig tro ghairm no coimisean sònraichte a-mhàin. Thoiribh an aire puingean eile cuideachd, mar a tha iad air am mìneachadh anns na leanas.


Tagraidhean

Tha sinn an-còmhnaidh toilichte lèirmheasan, molaidhean airson lèirmheasan, agus tagraidhean airson sgrùdadh fhaighinn, gu h-àraid pìosan sgrùdaidh nas fhaide. A thaobh sgrìobhaidhean eile, chan eil sinn a’ gabhail ri tagraidhean.

Tha sinn duilich nach urrainn dhuinn aig an àm seo pàigheadh a thoirt do luchd-sgrìobhaidh, oir an-dràsta, chan eil LLG a’ dèanamh prothaid agus chan eil an iris a’ faighinn taic-airgid sam bith. 

Tha sinn toilichte fiosrachadh fhaighinn bho thaighean-fhoillseachaidh (tro phost-d a-mhàin) mu leabhraichean a tha ri thighinn agus tha sinn taingeil airson lethbhreacan-lèirmheis, ach chan eil àireamh nan luchd-lèirmheis againn neo-chrìochnaichte, agus feumaidh iadsan a bhith saor agus deònach, oir ’s e obair saor-thoileach a th’ ann. Mar sin, thoiribh an aire nach eil sinn an-còmhnaidh comasach lèirmheasan a chur air dòigh airson gach leabhar a thàinig thugainn gun iarraidh. Bidh gairmean ann airson modhan-sgrìobhaidh sònraichte (rosg goirid, aistean sgrùdaidh, msaa) tron bliadhna.

Cha bhi sinn a’ leughadh thagraidhean cruthachail a thàinig gun iarraidh (gun cheangal ri gairm shònraichte). Bidh gairmean a’ nochdadh air na meadhanan sòisealta againn, Instagram, BlueSky agus Facebook – carson nach cùm sibh sùil orra.

Fios

Tha fàilte oirbh fios a chur thugainn aig gaidhlig.grb [at] outlook [dot] com.