SLIGHEAN ÙRA GU OBAIR MHICPHÀRLAIN

Le Petra Johana Poncarová


Am bliadhna, dh’fhoillsich Acair Doras gun Chlàimhean, co-chruinneachadh ùr tomadach den obair le Murchadh MacPhàrlain (1901-1982), air a dheasachadh le Catrìona Mhoireach. Anns an t-Sultain, choisinn e Duais Ruaraidh MhicThòmais airson an leabhar bàrdachd as fheàrr a nochd ann an 2023.

Gu ruige seo, bha dà cho-chruinneachadh bho MacPhàrlain an clò, An Toinneamh Dìomhair (Gasaid Steòrnabhaigh, 1973) agus Dàin Mhurchaidh (An Comunn Gàidhealach, 1986), ach tha Doras gun Chlàimhean a’ fosgladh obair MhicPhàrlain a-mach dhuinn ann an dòigh ùr – agus tha e a’ sealltainn gu bheil iomadh slighe ann, chan ann aon a-mhàin tro na h-òrain as ainmeile a rinn e, leithid ‘Cànan nan Gàidheal’ agus ‘’S Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh’.

Tha Doras gun Chlàimhean a’ toirt ri chèile nan dàin agus òrain a rinn MacPhàrlain air fad, ’s iad air an roinn a-rèir trì chuspairean: ‘Cogadh, Eilthireachd is Cianalas’, ‘Dùthchas, Dualchas is Dòigh-Beatha’, agus ‘Cànan, Cridhe is Feallsanachd’.

Tha MacPhàrlain aithnichte gu h-àraid mar bhàrd, ach tha a’ cho-chruinneachadh a’ dearbhadh gu bheil an obair aige nas farsainge na sin. Tha earrann ‘Seanchasan’ a’ coimhead air a’ bhàrd mar sheanchaidh, agus tha litrichean a sgrìobh e gu Gasaid Steòrnabhagh tro na bliadhnaichean a’ toirt am follais MacPhàrlain mar neach-iomairt – agus mar sgrìobhadair rosg sgaiteach.

Tha tàladh mòr ann an obair MhicPhàrlain do mhòran air sgàth ’s gu bheil ceanglaichean cho làidir aige ri ceòl, oir gu tric b’ e òrain anns a’ chiad dol-a-mach a bh’ anns na dàin aige. Is dòcha nach bi fios aig uiread de dhaoine, ge-tà, gun do rinn MacPhàrlain fhèin fuinn airson cuide de na h-òrain. Mar phàirt den Doras gun Chlàimhean, gheibhear CD ann le ochd clàradh deug (agus clàraidhean le MacPhàrlain ri fhaotainn saor an-asgaidh aig stòrlann air-loidhne, Tobar an Dualchais).

Anns na 1970an, thog an còmhlan na h-Òganaich cuid de na h-òran aige, agus bha fèill mhòr orra air feadh na dùthcha. Tha buaidh mhaireannach air bhith aig na h-Òganaich air ceòl na Gàidhlig, ’s iad a’ measgachadh traidisean ri treandaichean ùra. Bhrosnaich iad còmhlanan eile, leithid Runrig, agus le sin dh’atharraich iad ìomhaigh na Gàidhealtachd ann an Alba air fad agus anns an Roinn-Eòrpa – agus bha na h-òrain a fhuair iad bho MhacPhàrlain cudromach anns a’ char ùr seo.

’S ann sa Ghàidhlig a-mhàin a tha a’ mhòr-chuid den leabhar, ach tha eadar-theangachaidhean gu Beurla a’ nochdadh taobh ri taobh gach dàn agus òran. ’S e eadar-theangaiche  a th’ ann an Catrìona Mhoireach, agus b’ e ise a rinn a h-uile tionndaidh gu Beurla anns an leabhar air fad (ach a-mhàin aon). B’ e sin a-mhàin obair dhrùidhteach.

A bharrachd, tha an leabhar air an deagh dheasachadh, le nòtaichean, mìneachaidhean mu na dàin is na h-òrain, agus clàr-ama de na ciad loidhnichean. Tha a follaiseach gur h-e urram do MhacPhàrlain agus don dìleab a dh’fhàg e a th’ ann an Doras gun Chlàimhean. Chan e sgrùdadh acadaimigeach ann an seagh teann a gheibhear anns a’ cho-chruinneachadh, ach tha e cho mionaideach agus cho cothromach gur h-e stòras prìseil a th’ ann an dà chuid do luchd-leughaidh agus do luchd-rannsachaidh.

Bha MacPhàrlain sònraichte mar dhuine, anns na dòighean aige agus a thaobh coltais, agus tha an leabhar a’ feuchainn ris an tarraing aige mar ‘charactar’ a chumail beò, cho math ri obair mar bhàrd is sgrìobhadair. Tha beachdan is cuimhneachain pearsanta a’ nochdadh anns ro-ràdh leis an Dtr. Fionnlagh MacLeòid, nach maireann, ann an eachdraidh-beatha MhicPhàrlain le Catrìona Mhoireach, agus anns na marbhrainn a rinn trì sgrìobhadairean eile, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill, agus Niall Brownlie. Cuideachd, tha dealbhan-camara ann a thàinig anns a’ mhòr-chuid bho thasglannan pearsanta, a’ sealltainn MacPhàrlain fhèin ann an diofar suidheachaidhean, còmhla ri cuid de luchd-eòlaich.

A rèir an sgaradh a tha air a bhith nochdadh gu tric ann an eachdraidh litreachas na Gàidhlig, agus a tha uaireannan ’s dòcha ro shìmplidh, b’ e bàrd-baile a bh’ ann am MacPhàrlain. Rugadh is thogadh e ann am Mealabost, ann an sgìre an Rubha ann an Leòdhas, far an do chuir e seachad a’ mhòr-chuid den bheatha, agus tha a bhàrdachd gu tric a’ dèiligeadh ri cùisean anns a’ choimhearsnachd aige fhèin. Dh’fhàg e sgoil aig aois ceithir bliadhna deug, cha deach e dhan oilthigh, no fiù ’s gu Sgoil MhicNeacail, cha d’fhuair e oideachadh fhoirmeil sam bith sa Ghàidhlig, agus bha e ri croitearachd, iasgach, agus an dèidh sin ri obair-cosnaidh aig port-adhair Steòrnabhaigh.

Fhuair bàird eile, mar eisimpleir am ‘Famous Five’ air fad (Deòrsa Mac Iain Dheòrsa, Somhairle MacGill-Eathain, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a’ Ghobhainn, agus Dòmhnall MacAmhlaigh) foghlam aid àrd ìre, agus bha iad gu tric a’ measgachadh obair chruthachail agus dreuchdan anns na sgoiltean no anns na h-oilthighean, agus cha do dh’fhuirich iad anns an dearbh bhaile far an do rugadh iad. Bha ceanglaichean cho làidir ’s a ghabhas aig MacPhàrlain ri Mealabost, agus mar sin b’ e bàrd-baile a bh’ ann gun teagamh, aig an aon àm, tha meud eadar-nàiseanta ann cuideachd.

A’ chiad dàn ceart a rinn e, tha e a’ dèiligeadh ri balach à sgìre a chailleadh sa Chogadh Mhòr. Nuair a bha e fhathast glè òg, chaidh An Iolaire air chall, bha MacPhàrlain an làthair nuair a bha cuirp a’ tighinn air tìr, agus rinn e trì òrain air a’ chuspair. Bha eilthireachd cumanta anns na 1920an, agus chunnaic MacPhàrlain na soithichean a bha a’ fàgail Leòdhais agus a’ dol a Chanada agus gu na Stàitean Aonaichte.

Dh’fhalbh e fhèin ann an 1924, agus chuir e seachad grunn bhliadhnaichean anns na Stàitean Aonaichte  agus ann an Canada (cha do chòrd e ris, ach b’ ann aig an àm seo a rinn e aon de na rannan as ainmeile – ‘chan eil cèilidh air a’ phrèiridh’: chan fhaighear comhardadh as fheàrr).

Dh’fhuirich e ann an Leòdhas fad a bheatha as dèidh sin (ach a-mhàin nuair a bha e san arm), ach mar a tha an leabhar a’ dearbhadh, bha ùidh aige anns na cuspairean a bha a’ ceangal Leòdhas ris an t-saoghal mhòr.

Bha e ’n sàs ann am poileataigs ionadail gu domhainn, gu h-àraid anns na h-iomairtean an aghaidh leasachadh den port-adhair ann an Steòrnabhagh gu bhith na bhuin-ionad NATO, ann am poileataigs Làbarach an toiseach agus na bu ainmiche ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Ann an iomadh dòigh, ’s e ìomhaigh eachdraidh Leòdhais anns an fhicheadamh linn a th’ ann am beatha is bàrdachd MhicPhàrlain – no aon de na h-ìomhaighean co-dhiù.

Mar a tha Catrìona Mhoireach a’ mìneachadh anns an aiste, b’ e ‘bàrd mòra’ a bh’ aig MacPhàrlain fhèin air daoine leithid MacGill-Eathain agus MacThòmais, agus bha e den bheachd nach gabhadh comas a dhèanamh eadar e fhèin agus na sgrìobhadairean seo – ach tha adhbharan ann an dearbh rud a dhèanamh, mar eisimpleir a thaobh chuspairean Leòdhasach eadar MacPhàrlain agus MacThòmais, fiù ’s Call na h-Iolaire fhèin, no an dòigh a  bha an dithis aca a’ làimhseachadh chuspairean phoileataigeach.

Bha ceanglaichean pearsanta ann cuideachd, oir bha sgrìobhaidhean MhicPhàrlain a’ nochdadh ann an Gairm, an ràitheachan a chuir MacThòmais air dòigh còmhla ri Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill, agus na bu ainmiche bha MacPhàrlain ’s sàs ann an iomadh tachartas agus cuairt – còmhla ris na ‘bàird mòra’, is esan aon dhiubh.

Gu ruige seo, cha d’fhuair fiù ’s na bàird ‘acadaimigeach’ an fhicheadamh linn uile urram agus aire ann an cruth leabhair coltach ri Doras gun Chlàimhean – ach a-mhàin Somhairle MacGill-Eathain agus, gu ìre mhòr a-nis, Iain Mac a’ Ghobhainn, ach ’s e treand brosnachail a th’ ann nach eil an sgaradh seo a’ toirt buaidh air taighean-fhoillseachaidh agus luchd-deasachaidh.

Mar a tha follaiseach anns an leabhar fhèin, chan e bàrd caillte no dìochuimhnichte a bh’ ann am MacPhàrlain air chor sam bith, agus fhuair e aire agus cliù nuair a bha e fhathast beò, ann an Leòdhas fhèin agus air taobh a-muigh an eilein. Ach ’s e cothrom a th’ anns a’ cho-chruinneachadh seo gus dìleab MhicPhàrlain a thaisbeanadh do ghinealach ùr.

A thaobh sgrùdadh agus rannsachadh, b’ fhiach e gu mòr, mar eisimpleir, sùil a thoirt air obair MhicPhàrlain agus an àrainneachd (air an dàimh ris a’ mhuir no ri ainmhidhean), no air cuspairean mar chogadh, sìochantas, agus armachd niùclasach, ann an co-theacsa bàrdachd na Gàidhlig agus na h-Alba.

’S e beartas na Gàidhlig aon de na feartan sònraichte a bh’ aig MacPhàrlain, agus tha a-nis nas fhasa sgrùdadh a dhèanamh air na h-abairtean agus briathrachas a chleachd e. A bharrachd air litreachas agus cànanachas, is cinnteach gun tarraing an leabhar aire gu na h-òrain a rinn MacPhàrlain agus gun tèid iad a sheinn agus a chlàradh a-rithist, le na fuinn aige fhèin no ceòl ùr a chur riutha. Taing do obair mhòr a rinn Catrìona Mhoireach, cha bhiodh sinn a’ strì ri clàimhean sam bith tuilleadh – tha na dorsan fosgailte (fiù ’s dorsan-cùil, uinneagan, agus corra leòsan-adhair).

Doras gun Chlàimhean. Murchadh MacPhàrlain. Deasaichte le Catrìona Mhoireach. Steòrnabhagh: Acair, 2023.


‘S e neach-rannsachaidh, eadar-theangaiche, agus sgrìobhadair a th’ ann am Petra Johana Poncarová, agus tha i air a bhith ag obair ann an Gàidhlig, Beurla, agus Seicis. ’S ann à Poblachd na Seice a tha i bho thùs. Tha i a-nis a’ fuireach ann an Alba agus ag obair aig Oilthigh Ghlaschu. Dh’eadar-theangaich i Deireadh an Fhoghair le Tormod Caimbeul gu Seicis. Tha an leabhar ùr aice air Ruaraidh MacThòmais gu bhith air fhoillseachadh le Clò Oilthigh Dhùn Èideann.


If you enjoyed reading this article, please consider joining our mailing list, to be the first to receive news and updates.

Leave a Reply

About

The Glasgow Review of Books (ISSN 2053-0560) is an online journal which publishes critical reviews, essays and interviews as well as writing on translation. We accept work in any of the languages of Scotland – English, Gàidhlig and Scots.

We aim to be an accessible, non-partisan community platform for writers from Glasgow and elsewhere. We are interested in many different kinds of writing, though we tend to lean towards more marginal, peripheral or neglected writers and their work. 

Though, our main focus is to fill the gap for careful, considered critical writing, we also publish original creative work, mostly short fiction, poetry and hybrid/visual forms. 

Find us on: