
Tha cuideigin – ’s e bàrd a th’ ann – gam shireadh.
Tha mi gam shireadh fhìn cuideachd.
Tha mi gam shireadh anns an leabharlann,
’s mi a’ falbh air mo chorpagaibh
am-measg nan sgeilpean stùrach
a’ lorg nan leabhraichean a dh’innseas dhomh
ciamar a bu chòir dhomh a bhith.
Tha na Lepcha saoitheamh, diùid…
Cha bhith iad a’ bruidhinn ach a’ cagairt…
An d’ rinneadh na faclan seo m’ fheòil?
Tha e a’ tighinn a-steach orm gu bheil
mi ag aontachadh – ach an uair sin chan eil
mi ag aontachadh, oir chan urrainn dhomh.
Tha na taibhsean seo a tha ag innse
dhomh cò sinne
fhathast a’ tathaich orm.
Tha mi gam shireadh fhìn anns an tasglann naoimh
far a bheil eòlas glaiste ann am bogsaichean
nach gabh fosgladh ach le duine neo dithis.
Tha mi a’ lorg an eòlais riatanaich mu mo dheidhinn.
Tha na Lepcha fìor-eòlach air lusan is creutairean na tìr’ aca.
Ach dhomhsa, bhiodh e furasta a bhith marbh
an dèidh balgan-bhuachair phuinnseanaich ithe
gun fhiosta. Tha mi gam shireadh fhìn
anns an taigh-tasgaidh. Oibseactan, artafactan,
clachan, taisbeanaidhean. Tha iad a’ toirt an aire orm,
le cùram, ’s mi a’ faireachdainn cho sònraichte,
cha mhòr. Bhiodh e cho math dhomh cràlaicheadh a-steach
dhan àite sin agus a bhith nam sheasamh gun ghluasad
agus mi a’ fàs fuar coltach ris na h-oibseactan aca
a tha a’ coimhead gu balbh orm. Tha mi a’ faireachdainn
gu bheil mi ann an cunnart èiginneach.
Tha mi gam shireadh ann an eachdraidh.
Tha mi ag ionnsachadh mun ghaisgeach threun
Panu Gebu Achuk agus mar a chaidh a mharbhadh
le nàmhaid lìgeach nuair a bha e fhèin
’s a threubh ag ithe ’s ag òl.
Tha mi a’ lorg glòir, ach tha e a’ crìonadh às.
Tha mi ’n uair sin a’ tuigsinn gu bheil mi ga sireadh
anns an àite cheàrr. ‘S math dh’fhaodte gu bheil mi
an-còmhnaidh ga sireadh anns an àite cheàrr.
Tha mi fhathast gam shireadh fhìn:
ann an criomagan còmhraidh
ann an iomradh eòlaiche
ann an aithisg oifigeil
anns an t-sluagh agam.
Tha mi fhathast gam shireadh fhìn
ann an sgeulachd, ann an òran, ann an dàn.
Iomradh bho Chaoimhin MacNèill: Ann an 2024, thàinig Abrona Aden, sgrìobhadair à Sikkim, a thadhail air Oilthigh Shruighlea (an t-àite-obrach agam) gus a cuid bàrdachd aithris. Bha Abrona na Caidreach Sgrìobhaidh Theàrlaich Uallas aig an àm. Tha an caidreachas sgrìobhaidh seo (‘Charles Wallace Writing Fellowship’) a’ neartachadh cheanglaichean eadar Na h-Innseachan agus Breatainn tro bhith a’ toirt cothrom do sgrìobhadairean ùine a chur seachad ann am Breatainn. Fhad ’s a tha iad an seo, bidh iad a’ sgrìobhadh, ag aithris bàrdachd, a’ fàs eòlach air a’ chultar, agus mar sin air adhart.
Bha Abrona na Caidreach Sgrìobhaidh aig Oilthigh Kent ach bha i-fhèin agus an Caidreach Sgrìobhaidh Theàrlaich Uallas aig Oilthigh Shruighlea, Madhu Raghavendra, a’ dèanamh tachartas aig Oilthigh Shruighlea, far am biodh iad a’ leughadh bàrdachd. Bha fhios gur e feasgar càilear, smuaineachail a bhiodh romhainn. Agus gu dearbh, ‘s e sin a bh’ ann.
Tha Abrona a’ buntainn ris a’ choimhearsnachd Lepcha. Tha na Lepchas a’ fuireach ann an Sikkim, Bhutan, Darjeeling, agus Nepal, agus tha mu 80,000 aca ann. Tha cànan àraid aca, ris an canar Lepcha. Gu traidiseanta, tha siostam cinnidh aca, agus tha iad gu math dlùth ris an àrainneachd. Dh’fhaodar a ràdh gu bheil cultar aca a tha car coltach ri cultar nan Gàidheal.
Tha mi dhen bheachd gu bheil sin gu math soilleir anns an dàn a rinn Abrona, ‘Looking for the Lepchas’. Nuair a bha mi ag èisteachd ris an dàn seo fhad ’s a bha Abrona i-fhèin ga h-aithris, bha a h-uile càil a bha i ag ràdh a’ toirt orm smaoineachadh air na Gàidheil agus air a’ chultar againn. Thòisich mi air a bhith ga h-eadar-theagachadh nam cheann fhad ’s a bha Abrona ga leughadh, agus às dèidh làimh, nuair a bha mi a’ bruidhinn rithe, dh’innis mi dhi gun robh am pìos bàrdachd seo a’ faireachdainn gu math coltach ri dàn a dhèanadh bàrd Gàidhlig. Thug Abrona cead dhomh eadar-theangachadh a dhèanamh dheth. Tha an dàn a’ toirt sùil gheur air fèin-aithne, agus a’ togail cheistean mòra mu mhion-chultar is mar a thathar ga chumail beò.
Buidheachas do Mhìcheal Klevenhaus, aon de ar leughadairean-dearbhaidh saor-thoileach.

Rugadh is thogadh an t-Ollamh Caoimhin MacNèill | Dr Kevin MacNeil anns na h-Eileanan an Iar. Am-measg nan leabhraichean aige tha The Brilliant & Forever agus Love and Zen in the Outer Hebrides. Tha e na òraidiche aig Oilthigh Shruighlea.




Leave a Reply