100 Bliadhna de Bhàird: Bho Sheumas MacThòmais gu Meg Bateman

Lèirmheas le Petra Johana Poncarová

Ann an 1953, nochd an leabhran Bàird a’ Chomuinn, air a dheasachadh le Lachlann MacFhionghain, a thog còmhla dàin agus fiosrachadh pearsanta mu gach bàrd a choisinn Crùn bhon Chomunn Ghàidhealach aig a’ Mhòd Nàiseanta thairis air deich bliadhna air fhichead. Chaidh a’ chiad bhàrd a chrùnadh ann an 1923 ann an Inbhir Nis: b’ e sin Seumas MacThòmais (1888–1971) à Leòdhas, athair Ruaraidh MhicThòmais, a bhuannaich a’ cho-fharpais leis an dàn ‘Buaidh an Laoich’.

Bho sin a-mach, tha Bàrd a’ Chomuinn air a bhith coltach ri ‘Makar’ ann an saoghal na Gàidhlig, ach tha an deas-gnàth, an dreuchd, agus na thathas ’n dùil bho bhàrd a’ Chomuinn air a bhith ag atharrachadh gu mòr. Bho 2000 air adhart, chan e duais airson dàn sònraichte a th’ anns a’ Chrùn, ach urram airson sgrìobhadairean a rinn obair luachmhor anns a’ chànan thar ùine.

Fiù ’s anns an latha an-diugh, ’s e tùs feumail a th’ ann Bàird a’ Chomuinn bho 1953, oir nuair a chaidh an leabhran a chur ri chèile, bha cuid de na bàird fhathast beò, no, ged a dh’fhalbh iadsan, bha caraidean agus luchd-dàimh air maireann. Ach cha do stad an traidisean anns na caogadan, agus an-uiridh, dheasaich Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil, a tha fhèin ainmeil mar sgrìobhadair, sheinneadair, agus eadar-theangadair, co-chruinneachadh ùr tomadach 100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a tha a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon chiad chrùnadh. Tha an deasaiche fhèin a’ bruidhinn mun leabhar anns an agallamh còmhla ri Lèirmheas Leabhraichean Ghlaschu.

Anns a’ cho-chruinneachadh, gheibhear pìos bàrdachd bho gach sgrìobhadair a fhuair an t-urram agus beagan de dh’fhiosrachadh pearsanta, bho Sheumas MacThòmais ann an 1923 gu Niall O’Gallagher a chaidh a chrùnadh ann am Pàislig as t-fhoghar 2023. Tha clàran goireasach ann, le ainmean nam bàrd, àitichean-breith, bailtean far an deach am Mòd a chumail, agus tiotalan nan dàn a bhuannaich. Tha tionndaidhean gu Beurla a rinn Sandaidh NicDhòmhnaill Jones ann airson nan dàn bhon dàrna leth den fhicheadamh linn a-mach, agus chaidh iomadh dàn eadar-theangachadh airson a’ chiad turas. Mar a mhìnich an deasaiche, ‘bha eadar-theangachaidhean ann de chuid dhe na dàin sin co-dhiù agus rinneadh co-dhùnadh gum biodh na dàin bho 1952 gu 2023 uile air an lìbhrigeadh le eadar-theangachadh nan cois’ (xiii).

A bharrachd air sin, tha dà aiste rim faighinn anns a’ cho-chruinneachadh: tè le Sandaidh NicDhòmhnaill Jones, a bha i fhìn na bàrd a’ Chomuinn, air na h-eadar-theangachaidhean a rinn i agus air bàrdachd eadar 1952 agus 1977. Tha an aiste seo ann an Gàidhlig is Beurla. Chaidh an dàrna aiste, ‘Nuair nach robh bàird againn’,  a sgrìobhadh le Anna Frater, ’s i a’ coimhead air a’ bheàrn eadar 1978 agus 1999, nuair nach robh An Comunn Gàidhealach a’ toirt seachad an duais idir, agus air na thachair ann an litreachas na Gàidhlig anns an eadar-àm, agus tha am pìos seo ann an Gàidhlig a-mhàin.

’S e leabhar snasail agus brìghmhor a th’ ann, ged nach eil e buileach cothromach: chan eil eadar-theangachaidhean ann airson a h-uile dàn, tha cuid de na sgrìobhaidhean dà-chànanach agus cuid eile anns a’ Ghàidhlig a-mhàin, agus chan eil na roghainnean seo uile air am mìneachadh gu soilleir. Bhiodh e air leth feumail barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu na bàird fhèin, gu h-àraid an fheadhainn nach eil cho aithnichte tuilleadh – agus an fheadhainn nach robh ainmeil riamh. Tha earrann ann mu gach tè is fear, ach chan eil iad ach goirid agus chan eil fiosrachadh pearsanta bunaiteach ann, ged a tha barrachd ri fhaighinn ann an tùsan eile, mar eisimpleir anns An Tuil (1999) a dheasaich Raghnall MacilleDhuibh. Chan e faclair no leabhar-eòlais a th’ ann an 100 Bliadhna de Bhàird, ach bhiodh seo cuideachail agus inntinneach fiù ’s do leughadairean àbhaisteach, chan ann do luchd-rannsachaidh a-mhàin.

A dh’aindeoin sin, tha 100 Bliadhna de Bhàird a’ fosgladh dhuinn sheallaidhean ùra air litreachas na Gàidhlig eadar 1923 agus 2023, agus a’ toirt nar cuimhne sgrìobhadairean nach d’fhuair gu ruige seo mòran aire no aithne ann an saoghal na Gàidhlig (gun luaidh air litreachas na h-Alba anns an fharsaingeachd). Tha e furasta dol tro na bàird air fad, agus beachdachadh air cò a fhuair an Crùn agus cò nach d’fhuair (agus carson). Mar eisimpleir, cha do choisinn fear den ‘Chòignear Ainmeil’ (Somhairle MacGill-Eain, Deòrsa Mac Iain Dheòrsa, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a’ Ghobhainn, Dòmhnall MacAmhlaigh) Crùn a’ Chomuinn riamh, ged a bha cuid dhiubh mun cuairt ’s trang mar sgrìobhadairean anns na bliadhnaichean ron bheàrn mhòr 1978–1999, agus as a dèidh.

Tha feadhainn ann nach eil ainmeil mar bhàird anns a’ chiad dol-a-mach, leithid Iain MhicCormaig (1860–1947), a sgrìobh Dùn-Àluinn (aon den dà nobhail as tràithe a chaidh fhoillseachadh sa Ghàidhlig), sgeulachdan, dealbhan-cluich, agus a bha na eadar-theangadair agus neach-naidheachd dripeil, no Eachann MacDhùghaill (1880–1954), a bha gu h-àraid trang mar sgrìobhadair rosg agus dràma.

Tron fhicheadamh linn, chaidh mòran a bhith ’n sàs ann an litreachas agus ath-bheòthachadh na Gàidhlig aig nach robh an cànan bho thùs: sgrìobhadairean agus luchd-iomairt a rinn an roghainn an cuid Gàidhlig ionnsachadh, leithid Iain Moffatt-Pender (1896–1961), sgrìobhadair agus neach-iomairt a rugadh agus a thogadh ann an Alba agus a rinn a chuid fhortan ann an Astràilia. Bha Moffatt-Pender ri dràma agus rosg, agus dheasaich e co-chruinneachadh de sgrìobhaidhean agus litrichean le Alasdair Camshron, ‘Bàrd Thùrnaig’ (1848–1933). Ann an 1969, aig a’ Mhòd anns an Aghaidh Mhòr, chaidh Uilleam Nèill (1922–2010) a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn. Rugadh Nèill ann am ann am Preastabhaig an Siorrachd Àir agus bha Albais aige bhon teaghlach, ach a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig mar inbheach. Bha Nèill ri bàrdachd ann am Beurla, Albais, agus Gàidhlig, agus rinn e eadar-theangachaidhean bho Ghàidhlig na h-Èireann, agus bha an obair aige a’ nochdadh gu tric ann an Gairm.

Thàinig cuid de na bàird bho cheàrnan eile an t-saoghail far a bheil, no far an robh aig an àm, coimhearsnachdan Gàidhlig agus far an do dh’imrich luchd na Gàidhlig gu tric. Rugadh Ùisdean Laing (1889–1974) ann an Uibhist a Deas, ach chaidh e gu Astràilia ann an 1913. B’ e eadar-theangadair sgileil a bh’ ann, a chuir a’ Ghàidhlig air bàrdachd ann an iomadh cànan. Cha do dh’fhoillsich e mòran den obair chruthachail aige fhèin, ach tha an dàn ‘Am Fiabhras Nach Faigh Bàs’ sònraichte a thaobh smaoin agus meatarachd. Fhuair Laing Crùn a’ Chomuinn airson a’ phìos seo ann an 1967. Rugadh Lodaidh MacFhionghain ann an Ceap Breatainn, agus fhuair esan an Crùn ann an Steòrnabhagh, ann an 2011, agus tha an t-urram seo a’ dearbhadh gu bheil litreachas na Gàidhlig ùr fhathast air a sgrìobhadh ann an Alba Nuadh.

Chan e cùis-iongnaidh a th’ ann gu bheil ainmean boireann doirbh ri lorg anns a’ chlàr-innse, gu h-àraid anns na bliadhnaichean tràtha. Ach tha feadhainn ann, agus b’ fhiach e gu mòr barrachd fiosrachaidh agus obair-rannsachaidh fhaicinn air na sgrìobhadairean seo, còmhla ri ath-fhoillseachaidhean. B’ i C. F. NicUrachadain a’ chiad bhoireannach a choisinn an Crùn, ann an 1934 anns an Òban, agus lean corra bhana-bhàrd eile i: Màiri Nic ’IllEathain (1951), Mòrag I. Herdman (1970), agus Sìne Cooper (1976). Anns an linn a th’ ann, tha boireannaich a’ fàs nas pailte mean air mhean: Catrìona NicGumaraid (2003), Flòraidh NicPhàil (2015), agus Sandaidh NicDhòmhnaill Jones fhèin (2019). Am-bliadhna, agus bha sin ro anmoch airson an leabhair, chaidh Meg Bateman a chrùnadh anns an Òban.

Ann an 100 Bliadhna de Bhàird, gheibh luchd-leughaidh cuireadh gu turas tro bhàrdachd Ghàidhlig air slighean ùra, agus lorgaidh luchd-rannsachaidh taghadh farsaing de chuspairean. ’S e sealladh air ais a th’ ann, agus adhbhar-smaoineachaidh airson an ama ri teachd – an tèid 150 Bliadhna de Bhàird fhoillseachadh ann an 2073? Agus ma thèid, saoil cò na sgrìobhadairean a bhios ann – agus cò na cuspairean a bhios iad a’ dèiligeadh ris agus cò na cuspairean a bhios iad a’ dèiligeadh ris tro mheadhan bàrdachd agus tro mheadhan na Gàidhlig?


Buidheachas do Wilson MacLeòid, aon de ar leughadairean-dearbhaidh saor-thoileach.


Tha Petra Johana Poncarová stèidhichte aig Oilthigh Ghlaschu mar neach-rannsachaidh Marie Curie, ’s i ag obair air pròiseact mu Ruaraidh Arascain is Mhàirr agus na h-irisean a chuir e air dòigh. Nochd a’ chiad làn leabhar-rannsachaidh aice, Derick Thomson and the Gaelic Revival, bho Chlò Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2024. Tha i ’n sàs ann an Comann Eadar-Nàiseanta airson Sgrùdadh Litreachas na h-Alba agus ann an Ionad Eòghainn MhicLachlainn. Tha i air a bhith ag eadar-theangachadh bho Ghàidhlig gu Seicis.

One response to “100 Bliadhna de Bhàird: Bho Sheumas MacThòmais gu Meg Bateman”

  1. […] ceud bliadhna bho chaidh a’ chiad bhàrd a chrùnadh aig a’ Mhòd Nàiseanta. Fhuair LLG lèirmheas air a’ cho-chruinneachadh seo agus agallamh còmhla ris an neach-deasachaidh, Gillebrìde Mac […]

Leave a Reply

About

The Glasgow Review of Books (ISSN 2053-0560) is an online journal which publishes critical reviews, essays and interviews as well as writing on translation. We accept work in any of the languages of Scotland – English, Gàidhlig and Scots.

We aim to be an accessible, non-partisan community platform for writers from Glasgow and elsewhere. We are interested in many different kinds of writing, though we tend to lean towards more marginal, peripheral or neglected writers and their work. 

Though, our main focus is to fill the gap for careful, considered critical writing, we also publish original creative work, mostly short fiction, poetry and hybrid/visual forms. 

Find us on:

Discover more from Glasgow Review of Books

Subscribe now to keep reading and get access to the full archive.

Continue reading