100 Bliadhna de Bhàird: Agallamh còmhla ri Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil

Ann an 2023, nochd an leabhar 100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn Ghàidhealaich (CLÀR), le dàin, eadar-theangachaidhean, eachdraidhean-beatha nam bàrd agus aistean, mar chuimhneachan nan ceud bliadhna bho chaidh a’ chiad bhàrd a chrùnadh aig a’ Mhòd Nàiseanta. Fhuair LLG lèirmheas air a’ cho-chruinneachadh seo agus agallamh còmhla ris an neach-deasachaidh, Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil.

LLG: Ciamar a thòisich an leabhar seo, 100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn Ghàidhealaich?

GM: Chaidh Crùn na Bàrdachd a bhuileachadh air Sandy NicDhòmhnaill Jones beagan bhliadhnaichean roimhe sin agus mhothaich i gun robh 100 bliadhna gu bhith ann bho chaidh a’ chiad bhàrd a chrùnadh. Mar sin, dh’fhaighnich i dhomhsa am bithinn deònach an obair a ghabhail os làimh gus an deasachadh a dhèanamh (le sgioba a’ cumail taic rium) agus bha mi toilichte sin a dhèanamh.

LLG: ’S e leabhar mòr tomadach a th’ ann – an robh dùbhlain sam bith ann nuair a bha thu ag obair air a’ cho-chruinneachadh?

GM: Chaidh leabhar fhoillseachadh bho chionn 60 bliadhna leis na dàin a choisinn duais Crùnadh na Bàrdachd suas gu 1951. Mar sin, fhuair sinn cead bhon Chomunn Ghàidhealach na dàin sin a chleachdadh. Bha againn an uair sin ris na dàin a choisinn an duais eadar 1952 agus 1977 a lorg. Bho 1999, thàinig atharrachadh air cruth a’ chrùnaidh agus an àite farpais, b’ e urram a bhathar a’ buileachadh air bàird airson an saothrach fad ùine. Gu mì-fhortanach, cha robh lorg sam bith air cuid dhe na dàin agus bha e glè dhoirbh fiosrachadh fhaighinn air dithis no triùir dhe na bàird a choisinn an duais anns na 60an agus na 70an. Bha againn cuideachd ri eachdraidh-beatha goirid a chur a-steach mu gach bàrd agus bha obair ri dhèanamh gus am fiosrachadh sin a thrusadh. Ach, cha deach bàrd sam bith a chrùnadh bho 1978 gu 1999 – cha b’ e nach robh bàird agus bàrdachd ann ach cha robh cliù aig an duais agus cha robh na bàird chliùiteach a’ feuchainn air an fharpais. Mar sin, cò a b’ fheàrr na an Dr Anna Frater, sàr-bhàrd i fhèin, gus meòrachadh a dhèanamh air a’ bhàrdachd a rinneadh aig an àm sin

LLG: Thairis air na bliadhnaichean, bha iomadh gearran ann nach robh Gàidhlig gu leòr air a cleachdadh aig a’ Mhòd is ann an gnothaichean a’ Chomuinn, agus gur h-e cothrom caillte a bh’ ann. Ach mhair an iomairt seo, agus thèid bàrd ùr a chrùnadh fhathast gach bliadhna. Ciamar a dh’atharraich inbhe is dreuchd bàrd a’ Chomuinn bho 1923? Is dè bhiodh feumail, ’nad bheachd-sa, anns an àm ri teachd?

Chan eil fhios le cinnt carson a chaidh Crùnadh na Bàrdachd a stad an dèidh 1977 – chan eil fianais sgrìobhte aig a’ Chomunn air mar a chaidh co-dhùnadh an fharpais a stad. Ach, saoilidh mi bhon a b’ e farpais a bh’ ann nach robh sin na tharraing dha na bàird a bu chliùitiche aig an àm sin idir. Mar sin, saoilidh mi gur e fìor dheagh bheachd a bh’ ann Crùnadh a’ Bhàird a thoirt air ais ann an 1999 ach gum biodh e na urram seach na fharpais. Nuair a thòisich an Crùnadh an toiseach, b’ e urram mòr a bh’ ann ach tha Crùn a’ Bhàird aig cuid dhe na bàird as cliùitiche bhon àm sin, ach gun teagamh chaill e cliù thar nam bliadhnachan. Tha e airidh a-nis gu bheil e mar urram agus air fhaicinn mar nàdar de Bhàrd Urramach Gàidhlig na h-Alba airson na bliadhna sin.

LLG: Cò na bàird a choisinn an Crùn uaireigin ’s nach eil cho ainmeil anns na làithean seo a bhiodh gu h-àraid airidh air barrachd aire? A bheil dàn sam bith as fheàrr leat sa chruinneachadh?

GM: Saoilidh mi gu bheil dithis ann – chòrd a’ bhàrdachd aca rium ach cha d’ fhuair mi mòran fiosrachaidh mun dèidhinn agus cha d’ fhuair mi duine sam bith eile a bha eòlach orra na bu mhotha – agus chan ann tric a thachras sin ann an saoghal na Gàidhlig far a bheil tòrr cheanglaichean aig daoine. B’ e an dithis Mòrag Herdman agus Sìne Cooper – cha robh fiù ’s a’ bhàrdachd aig Sìne Cooper ri fhaighinn agus mar sin chleachd sinn pìos eile a rinn i ann an Gairm. Mar sin, ma tha fiosrachadh sam bith aig duine mun dithis sin bhiodh e math sin fhaighinn!

LLG: ’S e seinneadair cliùiteach a th’ annad. Fhad ’s a bha thu ag obair air an leabhar, an do lorg thu òran no dàn a bhios tu deònach seinn?

GM: Tha e inntinneach mar a tha atharrachadh air tighinn air bàrdachd na Gàidhlig bho òrain gu bhith air an seinn gu bàrdachd ri leughadh. Mar sin, cha chanainn gun d’ fhuair mi òrain ùra san t-seadh sin a b’ urrainn dhomh a sheinn ach gun teagamh fhuair mi bàrdachd am pailteas a chuir iongnadh orm agus a thug orm cnuasachadh. Agus chuir e nam chuimhne daoine a choisinn Crùn a’ Bhàird ach a bha cliùiteach airson iomadach rud eile cuideachd – Tormod Mac IllEathain, Seonaidh Alaig Mac a’ Phearsain, Iain MacDhùghaill agus Alasdair MacAonghais nam measg sin.

LLG: Am bi thu fhèin a’ sgrìobhadh fhaclan airson do chuid òrain, no am bi thu a’ cleachdadh dhàin a rinn daoine eile? Ciamar a dh’obraich sin anns a’ chlàr mu dheireadh, Sèimh?

GM: Bidh mise a’ cruthachadh nam faclan agus nam fuinn airson mo chuid òrain fhìn. Fad iomadach bliadhna ghabh a bhith a’ dèanamh bàrdachd airson a h-aithris no a leughadh os làimh bho bhàrdachd airson a bhith air a seinn, ach tha cothromach beag air tighinn anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh le barrachd òrain ùra gan cruthachadh. Ach, chan e farpais a th’ ann eadar nòsan eadar-dhealaichte agus tha e daonnan math bàrdachd, rosg agus òrain ùra fhaighinn sa Ghàidhlig. Tha e a’ còrdadh rium gu bheil daoine a’ faighinn tlachd à òrain ùra cho math ris na seann òrain agus gu bheil bàrdachd agus cruthachalachd na Gàidhlig air fhaicinn mar rud a tha beò, leantainneach seach mar rud a b’ àbhaist do dhaoine a bhith a’ dèanamh nuair a bha Gàidhlig na bu làidire. Tha e cudromach guth na Gàidhlig a chur air cùisean mòra an latha an-diugh – aig ìre pearsanta, ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Mar sin, tha mi làn-chinnteach gum bi iomadach bliadhna de Chrùnadh a’ Bhàird ann fhathast oir gu bheil iomadach neach iomraiteach a’ dèanamh bàrdachd a tha sònraichte math.


Buinidh Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil do dh’Uibhist a Deas ged a tha e a’ fuireach ann an Glaschu. ’S e Àrd-òraidiche ann an Gàidhlig a th’ ann aig Oilthigh Ghlaschu agus tha e an sàs ann an iomadach rud – seinn agus dèanamh òrain nam measg sin.

One response to “100 Bliadhna de Bhàird: Agallamh còmhla ri Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil”

  1. […] Fiù ’s anns an latha an-diugh, ’s e tùs luachmhor a th’ ann Bàird a’ Chomuinn bho 1953, oir nuair a chaidh an leabhran a chur ri chèile, bha cuid de na bàird fhathast beò, no, ged a dh’fhalbh iadsan, bha caraidean agus luchd-dàimh air maireann. Ach cha do stad an traidisean anns na caogadan, agus an-uiridh, dheasaich Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil, a tha fhèin ainmeil mar sgrìobhadair, sheinneadair, agus eadar-theangadair, co-chruinneachadh ùr tomadach 100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a tha a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon chiad chrùnadh. Tha an deasaiche fhèin a’ bruidhinn mun leabhar anns an agallamh còmhla ri Lèirmheas Leabhraichean Ghlaschu. […]

Leave a Reply to 100 Bliadhna de Bhàird: Bho Sheumas MacThòmais gu Meg Bateman – Glasgow Review of BooksCancel reply

About

The Glasgow Review of Books (ISSN 2053-0560) is an online journal which publishes critical reviews, essays and interviews as well as writing on translation. We accept work in any of the languages of Scotland – English, Gàidhlig and Scots.

We aim to be an accessible, non-partisan community platform for writers from Glasgow and elsewhere. We are interested in many different kinds of writing, though we tend to lean towards more marginal, peripheral or neglected writers and their work. 

Though, our main focus is to fill the gap for careful, considered critical writing, we also publish original creative work, mostly short fiction, poetry and hybrid/visual forms. 

Find us on:

Discover more from Glasgow Review of Books

Subscribe now to keep reading and get access to the full archive.

Continue reading