Lèirmheas le Shane Johnstone
Chan eil teagamh sam bith agam gun tèid buntanas na Gàidhlig an Glaschu a cheasnachadh mar phàirt de chuairt-bheatha an leabhrain seo, Bàrdachd a’ Bhaile Mhòir (deas. le Niall O’Gallagher, 2024). ’S ann tric gu leòr a thèid deasbad mu na th’ ann am “bàrdachd” cho math ri Gàidhlig agus cò dham buin i. An seo, b’ fhèarr leam ìomhaighean agus seòrsaichean de sgeulachdan a sgrùdadh, gu sònraichte sgeulachdan a tha air an deagh theannachadh gus an dèan a h-uile facal cnàmh a bheireadh comas itealaich bho eun nuair nach eil e ann.

Ged nach bu chòirear leisgeul sam bith a thoirt às leth ealain sam bith, cha chuir mi stad orm fhìn bho bhith a’ cantainn gu bheil fionn-sgeòil fhreumh-fhaclach na Gàidhlig (an dà-chuid, Albannach is Èireannach), na (nàdar de) Cuimris is na h-Albais a cheart cho fighte-fuighte a-steach dham fho-inntinn ’s a tha an t-seamrag, an Gorta Mór, sgrios nam mòr-fhlataichean dearga, Na Fir Buí agus, uill, an t-uabhas bochdainn.
Tha e cumhachdail dhomh, mar neach na Gàidhlig ann an Glaschu, fionn-sgeul Ghlaschu fhaicinn air an leabhran seo fhosgladh:
An t-iasg nach d’ rinn snàmh
A’ chraobh nach do chuir geug
An clag dh’fhàgadh na thàmh
An t-eun nach d’ rinn sgèith
Anns a’ chiad dol a-mach, tha co-dhaingneachadh ann do luchd na Gàidhlig sa bhaile mhòr a tha fortanach gu leòr Gàidhlig a bhith aca. An ìomhaigh bhunaiteach againn anns a’ chànan a tha am falach dìreach à sealladh agus tu a’ faighinn d’ àrach sa bhaile seo, ann an Gàidhlig ioma-linnteach. Nach ann mu dheidhinn seo a tha an cruth-conaltraidh seo uile gu lèir. Tha an leabhran seo a’ toirt sealladh dhuinn air Glaschu tro fho-inntinn nan Gàidheal agus luchd na Gàidhlig a chuireas ri a fhionn-sgeòil agus sgeulachdan gu nàdarra (agus nach ann againn’ tha fhios gun deach meòrachadh a dhèanamh, ma tha coltas “nàdarra” sam bith air cruinneachadh bàrdachd). Anns na leanas, bheir mi sùil air cuid dhe na dàin sa chruinneachadh as motha a thug buaidh orm mar thaghaidhean làidir a riochdaich Baile Mòr nan Gàidheal gu beartach. Mas ann nach do sgrùd mi fear dhiubh, chan ann nach eil mi a’ faicinn luach ann, ach nach eil ùine gu leòr air an t-saoghal air a shon. Tha gach dàn sa chruinneachadh seo airidh air sgrùdadh, ach seo an fheadhainn as motha a thug buaidh orm san dòigh a thug iad riochdachadh beartach toinnte air na bannan eadar luchd na Gàidhlig, agus Baile Mòr nan Gàidheal.
Alasdair Mhic Cholla Ghasta
Gun Urra
Chan e leabhar a tha seo a bheir dhuinn ach aon shealladh air Glaschu, bho shealladh sluaigh aonaichte. Cha chreid mi gun gabh a sheachdnadh gun tòisich an cruinneachadh beag iongantach seo le dàn mu Ghàidheal ainmeil aig a bheil buntanas do dh’Alba agus do dh’Èirinn. Ged a nochdas am beachd seo còmhstrì ann an cuid, nach e sin (cho math ri buntanas làidir eadar-nàiseanta) bunait Ghlaschu, nuair a thig e gu h-aon ’s gu dhà.
’S e bàrd (le ‘b’ beag is dòcha) agus fear na Gàidhlig a th’ annam, mar sin, ’s iad na rudan as motha mun seo anns a bheil ùidh agam a thaobh ar lìtreachais, ’s iad na h-ìomhaighean teanna Gàidhealach na lùib a bheir buaidh oirnn gu domhainn fiù ’s gun fhiosta dhuinn, an sealladh. Bidh a h-uile dàn ga chruthachadh ann an suidheachadh àraid, ach ’s e a nì dàn math, gun seas e leis fhèin, agus seasaidh a’ chiad dàn an seo. Cluinnear an seo, mu ghaisgeach ainmeil mar fhìor bhagairt do Thighearna, tuigidh sinn gu bheil e cumhachdail gu leòr a bhith ga ainmeachadh mar sin ann an rann air a bheil coltas, air an duilleig co-dhiù, an ran-cloinne. Bheir sin buaidh oirnn, gur e seo stòiridh a dh’fhaodas atharrachadh a-rèir an neach-labhairt, nach ann an Alasdair ach inneal miann a’ bhrathadair, gur e rann a th’ ann a tha daonann ag atharrachadh, ga theannachadh.
Bho shealladh ga innse taobh a-muigh Ghlaschu, chun a bhronn fhèin.
Camanachd Ghlaschu
Màiri Mhòr nan Òran
Thàinig Màiri Mhòr beò ann an Galldachd san robh pailteas gràin-chinnidh an aghaidh nan Èireannach (a mhaireas chun an là an-diugh)1 agus mar sin, Gàidhlig na h-Èireann.2
Tha an dàn seo le Màiri Mhòr làn ìomhaighean na moite Gàidhealaich: ceatharnaich a’ lìonadh sràidean Ghlaschu le camain ’s a’ phìob nan làmhan, a’ gabhail bhonnaich is ‘Tòisidheachd’, làn mire. Tha a’ mhire Ghàidhealach seo a’ gabhail àite ann an àireannachd a bha nàimhdeil an aghaidh nan Gàidheal, an dà-chuid, Èireannach agus Albannach (agus nach e sin fìor chiall an àigh, mòmaidean saorsa agus faochadh a lorg am measg an fhulangais?) Bha an nàimhdeas fighte a-steach do dh’fheallsanachd nan urracha mòra inntleachdail Gallda aig an àm. Cha chreid mi gum bi mòran daoine aig am biodh ùidh san leabhar seo dhan nach aithne ùghdar ainmeil puinnseanta à Dùn Èideann John Pinkerton, fiù’ s amhàin son a bheachdan air na Gàidheil:
“Pinkerton’s contempt for everything Gaelic extended to the language itself, which he perceived as markedly inferior, a mere gibberish only held together by loanwords from other, superior languages.”3
Chunnacas am beachd seo gu fad is farsaing:
“An analysis of the main newspaper files demonstrates that during the Famine years up to the Crimean War, the most prevalent perception (am measg nan Gall Albannach) was that of contempt, regarding the Gaels as an ‘inferior’ and often ‘useless’ race”4
Mar sin, bheir a’ chiad dà dhàn seo sealladh nan Gàidheal air Glaschu nach eil idir simplidh. Sa chiad dhiubh, agus coltas na h-ortha air, chì sinn (ge bith dè rùn a phearsa) Glaschu a’ losgadh. San dàrna, ’s e Glaschu làrach tachartais togarraich a dh’aindeoin nan nàmh.
Ann an Glaschu
Iain Mac a’ Ghobhainn
Nach ann a tha aon de na beachdan as cumanta air na tha bàrdachd a’ ciallachadh, gur i rud a bheir seachad an t-uabhas fiosrachaidh san t-seadh as cuimsiche, as mionaidiche gun a bhith a’ stealladh. Tuigidh mi gu bheil argamaid ann gum bu chòir bàrdachd na Gàidhlig a bhith eadar-dhealaichte bho na mòr-chultaran. Dhomhsa dheth, tha am beachd sin rudeigin fighte le fionn-sgeòil na bàrdachd san là an-diugh, gu bheil saor-rannaidheachd “flagach” ann an dòigh air choiregin. Faodar an t-uabhas Gàidhealachais a bhith an lùib dàin ùr-nòsach, agus teinnead bhith ann gun dìreachd. Faodaidh rannaidheachd bacadh a chur air dàn a bu chòir a bhith cho teann ri dòrn miothaire, agus an caochladh.
Dhomhsa dheth, tha an dàn goirid seo a’ dèiligeadh gu snasail ri dà-fhillteachd a lorgar ann an Glaschu, an dà chuid le Luchd na Gàidhlig agus muinntir Ghlaschu san fharsaingeachd.
Ann am baile Ghlaschu
tha mi coimhead mo ròsan a’ fàs
ròsan mo bhàrdachd.
Bheir Glaschu dhuinn, na bhaile dà-fhillteach (coltach ris a h-uile baile), fìor dheagh adhbharan a bhith ag obrachadh tro dhà-thaobhachas toinnte.
Bheir e dhuinn an t-uabhas adhbharan aoibhneas a ghabhail na dhlùth-phàirteachas, agus adhbharan gèilleadh don dubhachas na sgìreileas agus na chumhangeachd.
Fìor dheagh àite a bhith nad bhàrd ach:
dè na ròsan a tha sin
air taobh a-muigh a’ phub
is cearcall aodannan mun cuairt
is solas gorm a’ lasadh gun sgur.
Ròsan fealltach, salach ged a bhiodh iad, fàsaidh iad.
Dà Shùil air Craoibh
Ruaridh MacThòmais
Air thuairmeas, tha mi a’ sgrìobhadh an lèirmheis seo anns an aon sràid air an robh am bàrd fhèin a’ fuireach gus an do bhàsaich e – Rathad an t-Sruthain ann an Cathcart. Gu truagh, fhuair e bàs mus robh fhios agam cò b’ e. Gu nàdarra, dh’fhaighnich mi de gach nàbaidh a th’ ann, an robh fhios aca, ann an air an t-sràid seo a bha a’ chraobh (cha robh). Ach togaidh e ceist thoinnte mu fhreumhan agus buntanas dhomhsa co-dhiù.
A-rithist, an seo, tha sinn a’ dèiligeadh ri dà-fhillteachd. Bheir MacThòmais sealladh air craoibh (agus gu nàdarra, troimhpe, Glaschu), anns a’ chiad dol a-mach, nach eil cho fallainn:
at anns na h-altan,
tighead a’ cur nam meur às an cruth
bòcadh cruinn-thimcheall a crann
mus bi e a’ togail teagamh mu nàdar, an dara cuid seallaidh no cuimhne:
(no ‘s dòcha air a leth-chois)
Ma leigeas sinn criomag teagaimh a-steach, dh’fhaodadh mìneachaidhean gun chrìoch a bhith air a’ chraoibh agus Glaschu.
Siataig is aois is aillse
an dùil?
Ach bha mi ceàrr:
Dhomhsa, bheir a’ mhì-chinnt seo togail. Nàdar nàdair, mhic an duine, bailtean-mòra is beatha uile aig an aon àm:
’S ann a bha i a’ toirt aoigheachd
Do theaghlaichean mhion-chreutairean
a bha dèanamh an dachaigh na broilleach
le ’n drip ’s an sgoinn fhèin
a’ sìor sgaoileadh ’s a’ teannadh.
Cha bhi cruthachalachd ann gun sgrios air choiregin, mar a chithear ann am baile far an tig muinntir cruinn timcheall air olc na stàit. San t-seadh seo, chì sinn, leis an dàn seo, sruth a ruitheas tron leabhran, leis an àgh a lorgadh san 19mh linn a dh’aindeoin nan nàmh.
An Ribean Dearg
Crìsdean MacIlleBhàin
Seo dàn a bha mar fhaochadh dhomh sa chiad leughadh, agus ann an dòigh, ‘s ann mu fhaochadh a tha e. Is fìor thoil leam dàin agus sgrìobhadh a dhèiligeas ri cuspairean traidiseanta Gàidhealach, ach is fhada bhon a shaoil mi gu bheil àite ann son sgrìobhadh air fìrinn beatha luchd na Gàidhlig san fharsaingeachd. Coltach ri ioma dhàn a bh’ air a thaghadh son Bàrdachd a’ Bhaile Mhòir, bheir an dàn seo sealladh dhuinn air mòmaid far a bheil trioblaid an t-saoghail ga chur an dara taobh, ga lùghdachadh ann a bhith a’ lorg cuideigin coltach rinn. ’S e tachartas litreachail a tha seo, ach an turas seo, am measg onfhadh an fho-thalamhainn:
Chunnaic mi
Dìreach fom achlais nighean ‘na suidhe
le falt ruadh, a h-aogas fo ghruaim
leabhar fosgailte fo h-uilinn
’s i sgrìobhadh seantansan le peansail.
B’e Teach Yourself Gaelic tiotal an leabhair aic’
Seo dithist, ceangailte air an fho-thalamh leis a’ Ghàidhlig, a dh’aindeoin an diofar ìrean. Ann an traidisean a tha a’ sìor leasachadh san leabhar seo, lorgaidh sinn ciall is dòchas, mar luchd na Gàidhlig, an aghaidh an t-srutha.
Tha cànan an dàin seo ealanta fhèin, puingeil is ceart. Nach ann, dha-rì-ribh, far n-achlaisean a chithear daoine air an fho-thalamh. Coltach ris a’ chraoibh-chaorainn a bha na shamhla foirfe do Ruaridh MacThòmais (nach fhaicear san t-seann ghàrradh aige co-dhiù) chan eil fhios agam an robh nighinn an leabhar-iùil dha rì-ribh ruadh, ach tha fhios aig a’ bhàrd gu dè cho cumhachdail ’s a tha ìomhaigh an fhuilt dheirg, cho math ri “treubhantas an Ribein Dheirg”:
is air a h-uchd bha ‘n ribean bòidheach dearg
a bheir g’ ar cuimhne na chaidh a bhuainn le AIDS
Bheir seo dhuinn samhla de luchd na Gàidhlig san fharsaingeachd, an aghaidh an t-srutha, ar samhlaidhean timcheall oirnn, (air neo samhla air mar a dh’fhaodamaid a bhith, gun nàire air falt ruadh no Gàidhlig). Dh’fhaodadh gun tig an t-iomradh air AIDS mar chlach às an adhar; a bheil am bàrd a’ dèanamh co-mheas eadar na h-iomairtean? Cha chreid mi gu bheil, ach gu bheil e a’ toirt ìomaigh dhuinn air a bhith beò gun luaidh a thoirt air sgìreileas is nàire a’ mhòr-chultair.
Fear a’ Phiàna aig Glaschu Mheadhain
Niall O’Gallagher
Cha bhiodh an cruinneachadh seo coileanta às aonais dàin bho Niall O’Gallagher, le dàn a tha buileach freagarrach dhan chruinneachdh agus dhan bhaile.
Nuair a thàinig mi bha e na thàmh
Bhris mi an samhchar balbh leis a’ cheòl.
Chlisg na bha dol seachad: ‘Cò tha seo,’
ars’ iad, gar bodhradh le ghleadhradh àrd?”
Cha mhòr nach do bhuail mi an t-adhar lem dhòrn leis a’ chiad rann seo. Aig an aon àm, anns a’ chiad dol a-mach, seo Glaschu na sgìreileas buileach (cò a dhèanadh rud sam bith às a rathad air adhbhar seach sealltainn gu bheil iad “thar càich”?) agus meatafar air a’ bhàrd a chuireas Baudelaire nam chuimhne:
Exilé sur le sol au milieu des huées /
na fhògair air talamh eadar na fuaith
Dè a b’ urrainn a bhith na b’ fhèarr mar ìomhaigh do bhàrd, a’ lorg bristeadh bhon dòrainn, na piana bhalbh aig Meadhan Ghlaschu?
Lean mi orm ge b’ oil leotha ach dh’fhàs
na bha an làthair is rinn an glòr
is an caithream fuaim a bha cho mòr
’s nach cluinnte gnòst na trèan’ air a’ chlàr.
Sin agad e. Nach e gu bheil anam an leabhrain a’ tighinn am follais an seo, le mòmaid (agus ann an dòigh, comhairle do bhàird agus luchd-ealain san fharsaingeachd) a nì sgrios air an dòrainn agus an fhuath.
Cuileagan-Sionnaicheain
Beth Frieden
Bhuail e orm sa chiad leughadh gur taghadh foirfe a bha seo, airson an cruinneachadh a thoirt gu crìch. Tha an dàn seo gam fhàgail a’ faireachdainn gu bheil sinn air tighinn gu buileach chun an latha an-diugh. Tha gach facal air a thaghadh a chionn mura biodh e ann, thuiteadh an dàn. ’S ann “mu dheidhinn” chuileagan-sionnaicheain a tha e, mar a thathas an dùil gum feumar a bhith ag obair gu cruaidh gus an lorgar iad, agus airson luchd an dàin seo, thàinig iad thuca:
a’ priobadh
an siud
agus an siud
agus gu h-obann air feadh an àite
gu fialaidh farsaing, a’ cur nar cuimhne
gu bheil pailteas fhathast san t-saoghal.
Obraichidh seo mar mheatafor làidir, an dà chuid airson Gàidhlig a lorg sa bhàile mhòr (aon uair ’s gum faigh thu a-mach gu bheil i ann, tuigidh tu gu bheil i nas pailt na shaoileadh tu, ged a nochdas i dhut gu mean air mhean an toiseach) agus airson bàrdachd. Mar a tha bàrdachd ag obrachadh, mar nach tig i fad ùine, mar a chithear sradagan agus an uairsin, gu h-obann, tha i agad. Seadh, tha mi fhathast a’ creidsinn gun tig co-dhiù pìos dhen bhàrdachd as fhèarr leam mar seo, fo bhuaidh a’ “cheòlraidh”.
Cuiridh an dàn seo crìoch air cruinneachadh ealanta le bhith ag aithneachadh an dà chuid, àite luchd na Gàidhlig ann an Glaschu, agus obair a’ bhàird, a bhith a’ lorg nam mòmaidean soilleireachd san sgleò, a’ cumail sùil a-mach air an son agus cluas ri claisneachd eagal gun tig iad gun fhiosta. Tha seo a’ ceangladh an dàin seo le dàn Màiri Mòire, Iain Mhic a’ Ghobhainn, Ruaraidh MhicThòmais, Chrìsdein MhicIlleBhàin agus a h-uile sàr bhàrd san leabhran seo, ach a’ toirt dhuinn cothrom crìochnachadh ann am beagan de dhòchas, gun lorgar ciall agus:
gu bheil pailteas fhathast san t-saoghal.
Abair thusa loidhne mu dheireadh dhen chruinneachadh air fad.
Anns an dealachadh, tha taobh eile dhan taghadh fhoirfe seo mar dhàn dùnaidh. Is tric a dhìochuimhnicheas sinn ann an Glaschu, nach e baile a th’ ann a bh’ air a dhèanamh le Èireannaich is Albannaich a-mhàin. Chuir ioma-chultar agus dualchas ri eachdraidh Ghlaschu. Rè linn Iain Mhòir MhicGhilleEathain, bha e na bhaile ioma-chànanach:
“At the turn of the twentieth century, Glasgow had a population of more than 6,000 Muslims and 8,000 Jews, and languages such as Italian, Irish, Gaelic, Yiddish, Lithuanian, Chinese and Russian could be heard throughout the city”5
’S e Iùdhach Gàidhlig Ghlaschu a th’ ann am Frieden. Rugadh i anns na Stàitean, le sliochd à Eòrpa an Ear. Dhomhsa dheth, tha an dàn ealanta seo, agus an t-ùghdar, a’ riochdachadh bunait Ghlaschu fhèin.
- Phil Mac Giolla Bhain, ‘Racism, Rangers and the Fourth Estate,’ Bella Caledonia (3 an t-Sultain 2021) ↩︎
- T. G. Fraser, ‘The Scottish-Irish Orange Connection, History Ireland ↩︎
- Silke Stroh, ‘Of Celts and Teutons: Racial Biology and
Anti-Gaelic Discourse, ca. 1780–1860,’ Gaelic Scotland in the Colonial Imagination: Anglophone Writing from 1600 to 1900 (Northwestern University Press, 2016), p. 188 ↩︎ - Krisztina Fenyo, Contempt, sympathy and romance’: lowland perceptions of the Highlands and the clearances during the famine years, 1845-1855 (PhD thesis, University of Glasgow, 1996) ↩︎
- Henry Bell, John MacLean, Hero of Red Clydside (Pluto Press, 2018) ↩︎
Mun Sgrìobhadair

‘S e sgrìobhadair, nobhailiche agus eadar-theangaiche a th’ ann an Shane Johnstone. Canar, cuideachd, gur e bàrd le b beag a th’ ann. Rugadh is thogadh e an Glaschu agus tha ùidh mhòr leantaileach san àite. Sgrìobhaidh e anns a h-uile cànan aige: Gàidhlig, Albais, Beurla agus Fraingis, agus nì e eadar-theangachadh bho Fhraingis gu Gàidhlig is Albais. Tha ùidh shònraichte aige san traidisean Fhraingach shòiseo-eòlach. Tha e a’ fuireach ann an Glaschu far a bheil e ag obair ann an FMG agus a’ togail a dhithis mhac le Gàidhlig mar chiad chànan.
Buidheachas do Mhìcheal Klevenhaus, aon de ar leughadairean-dearbhaidh saor-thoileach.




Leave a Reply