‘Tha cuid mhath a dh’fhaodadh nochdadh fo ainm Iain fhathast’: Iain MacDhòmhnaill & Moray Watson air Iain Mac a’ Ghobhainn

Ann an 2023, chaidh eagran ùr de sgeulachdan Gàidhlig le Iain Mac a’ Ghobhainn, deasaichte le Iain MacDhòmhnaill agus Moray Watson, fhoillseachadh le Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba. Às dèidh eagran de bhàrdachd Ghàidhlig Mhic a’ Ghobhainn, a nochd bho Acair ann an 2008, agus a dheasaich Moray Watson, b’ e leasachadh cudromach eile a th’ ann a thaobh sealladh cothromach air aon de na sgrìobhadairean Albannach as cliùitiche anns an fhicheadamh linn.

LLG: Tha e doirbh obair Iain Mhic a’ Ghobhainn a ghabhail a-steach uile gu lèir, tha i ’s dòcha ro mhòr is ioma-fhillteach: rinn e bàrdachd, rosg agus dealbhan-cluiche, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla, agus bha e air leth drìpeil. Carson a tha a e cudromach dhuibh gu pearsanta? Is dè an sreath a tha nas dlùithe dhuibh?

MJW: Tha sin fìor, agus ’s e aon de na h-adhbharan gu bheil mi cho dèidheil air an sgrìobhadh aige: tha an-còmhnaidh rudeigin ùr ann. B’ urrainn dhomh an aon rud a ràdh mun t-susbaint agus mu theàmannan cuideachd. San leabhar, chithear gach seòrsa sgeulachd, bho ‘An Còmhradh’ gu ‘Latha nan Leumadairean,’ agus gach faireachadh, bho bhròn gu aoibhneas. Bha Mac a’ Ghobhainn uabhasach fhèin innleachdach, anns gach seagh, ach bha e làn fealla-dhà aig an aon àm, agus saoilidh mi gu bheil daoine uaireannan caran buailteach dìochuimhneachadh mu dheidhinn sin.

Mar neach-teagaisg, tha obair Mhic a’ Ghobhainn na chuideachadh dhomh, oir tha a’ chuid as motha den sgrìobhadh aige furasta a leughadh… aig aon ìre co-dhiù. Bidh mi ga chleachdadh sna clasaichean agam, agus tha an dà chuid An t-Aonaran agus na sgeulachdan goirid feumail dhuinn anns na cùrsaichean litreachais. Nuair a bha mi fhèin nam oileanach, ’s e Dòmhnall MacAmhlaigh a bha gar teagasg san dàrna bliadhna, agus thòisich esan leis ‘An Duine Dubh.’ Leugh mi sin uair is a-rithist nuair a bha mi nam oileanach, gus an robh an sgeulachd air mo theangaidh, cha mhòr. Fiù ’s an-diugh, ma chanas duine sam bith ‘jumpers,’ bidh mi a’ leantainn le ‘ars an duine dubh.’

IMD: Chaidh mise an lùib seo a chionn gun deach iarraidh orm a dhèanamh leis an SGTS. Bha Acair airson gun dèanadh Moray e, is aig a’ cheann thall chuir sinn ar cinn còmhladh. Cha robh e comasach dhuinn coinneachadh air sgàth Covid, ach rinn sinn an gnothach le puist-dealain is mar sin. Tha mise air a bhith eòlach air obair Mhic a’ Ghobhainn o bha mi san Àrd-sgoil, is mothachadh agam air na bh’ ann dhith is cho measgaichte is a bha i.  Tha mi a’ creidsinn gur h-i a’ bhàrdachd a bu mhotha a thug buaidh orm.  Tha cuimhn’ agam a bhith a’ dol sìos a Lunnainn nuair a bha mi ag obair an Sasainn is a bhith ceannach Stand, iris bàrdachd far an robh dàin aig Mac a’ Ghobhainn.  Bha seo goirid às dèidh bàs a mhàthar, is bha dàin ann air a’ chuspair sin a shaoil mi a bha air leth cumhachdach. Tha mise glè mheasail air ‘An Duine Dubh’ cuideachd.  Bha muinntir na Gàidhlig glè eòlach air leithid an duine seo a bhith a’ tadhal orra, agus tha an sgeulachd grinn. Bidh eagal air deasaichean ann an suidheachadh mar seo gum bi sgeulachd no sgeulachdan nach deach a lorg, ach tha sin do-sheachainte. Bha leabhar Grant F. Wilson feumail gun teagamh. ’S e glè bheag dhe na sgeulachdan nach robh mi air a leughadh uair no uaireigin, ach bha feadhainn ann an dèidh sin – ‘Am Prionnsa’, mar eisimpleir, is tè no dhà eile a bha san iris An Gàidheal

LLG: ’S e leabhar mòr drùidhteach a th’ ann, le 678 duilleag, agus lorg sibh sgeulachdan nach do nochd ann an co-chruinneachadh sam bith roimhe seo. An robh faodailean ann, sgeulachd a chuir annas oirbh air adhbhar sònraichte no tè air a bheil sibh measail a-nis agus air nach robh sibh eòlach?

MJW: Chuir Iain liosta ri chèile a bha an ìre mhath iomlan mus do thòisich sinn. Bha sinn fo chomain aig Grant F. Wilson agus an leabhar aige A Bibliography of Iain Crichton Smith (1990). Ged nach robh a h-uile sgeulachd air ainmeachadh san leabhar, bha a’ chuid bu mhotha dhiubh ann, agus bha e fìor chuideachail dhuinn. Rinn sinn mearachd no dhà, a’ cur seachad tìde a’ lorg rudan nach robh, mar a dh’èirich gnothaichean, nan sgeulachdan, no a’ liostadh an aon sgeulachd dà thuras, agus cuiridh mi geall gun do chaill sinn rud no dhà. Cha robh duilgheadas sam bith againn ach le ‘Je t’Aime’: cha chreid mi nach do dhìochuimhnich sinn an tè sin aig an toiseach. Bha fhios againn gun robh i ann, ach nochd i anns an iris Sruth – an aon sgeulachd aige a nochd ann – agus cha robh an iris sin aig fear seach fear againn. Mar sin, dh’fhàg sinn sin an dàrna taobh an toiseach, agus cha mhòr nach robh sinn deiseil leis an leabhar air fad mus robh cuimhne againn gum feumadh sinn an sgeulachd a lorg. Gu fortanach, bha leth-bhreac againn san leabharlainn aig Oilthigh Obar Dheathain!

Tha mi a’ creidsinn gun robh mi fhèin air na sgeulachdan uile a leughadh roimhe, mar eisimpleir nuair a bha mi ag obair air an Introduction to Gaelic Fiction, ach is dòcha dhà no thrì dhiubh. Mar sin, cha do chuir gin dhiubh annas orm. Ach, mar a chì duine sam bith a bheir sùil air a’ chlàr-innse, tha raon uabhasach farsaing de chuspairean agus stoidhlichean sna sgeulachdan aig Iain Mac a’ Ghobhainn. Sin aon rud a chuireas iongnadh orm gach uair a thogas mi aon de na leabhraichean aige. Saoilidh mi gu bheil daoine buailteach a bhith a’ beachdachadh air sgrìobhadh Mhic a’ Ghobhainn taobh a-staigh crìochan gu math cumhaing, ach tha sgeulachdan aige airson ‘gach blas’, mar gum biodh. Tha an t-uabhas dhiubh a bhios a’ toirt orm gàire: rud a tha gu math cudromach.

IMD: Tha mi creidsinn gun robh an fheadhainn a b’ ainmeile againn air fad, leithid ‘An Dubh is an Gorm’ no ‘An Còmhradh’ no ‘Granaidh anns a’ Chòrnair’, ach mar bu mhotha a lorgamaid beagan de sgeulachdan nach robh againn o thùs, ’s ann bu mhotha a bha dearbhadh againn air cho farsaing is a tha na cuspairean a th’ aig Mac a’ Ghobhainn.  Mar a tha Moray ag ràdh, thathar buailteach gun a bhith ag aithneachadh na farsaingeachd seo, ach tha an cruinneachadh ùr a’ sealltainn gu bheil sin ann. Bu chòir cuideachd cuimhneachadh gu bheil na h‑uimhir de spòrs anns na sgeulachdan.  Chan eil an leabhar loma-làn spòrs, feumaidh mi aideachadh, ach tha na h-uimhir ann, is barrachd air na shaoileas duine air a’ chiad sealladh – smaoinich air na rudan aoireil a tha a’ nochdadh ann an cuid dhen sgrìobhadh sci-fi, mar eisimpleir, no an deireadh aig ‘Ise agus Esan’, no eadhon ‘Ri Taobh na Tràghad’, a sgrìobh e faisg air deireadh a bheatha. Bha mòran fealla-dhà an Iain, ged a bha a dhorchadas fhèin aige cuideachd, agus air sgàth sin bha sinn toilichte dealbh dheth fhoillseachadh nach fhaca duine thuige seo, is deagh chraos gàire air! Bu mhòr am beud nach do nochd seo dathte mar a bha sinn an dùil, is cha robh fhios againn nach do nochd gus an tàinig an leabhar on chlò-bhualadair.

LLG: Nochd a’ chiad sgeulachd ann an clò ann an 1953 agus an tè mu dheireadh ann an 1992: an do dh’atharraich na cuspairean agus an stoidhle aige thairis air na bliadhnaichean? A bheil ceanglaichean ann ris a’ bhàrdachd agus ri na dealbhan-cluiche?

MJW: Ann an dòigh, thòisich mi air seo leis a’ cheist seo shuas! Dh’atharraich, ach aig an aon àm, tha e ro shìmplidh sin a ràdh. Tha ìomhaigheachd agus cuspairean a dh’fhaodte lorg ann an sgeulachd sam bith bho 1953 gu 1992. Gu dearbh, ’s e sin aon de na h-adhbharan gun do chuir sinn romhainn na sgeulachdan fhoillseachadh a rèir ‘tèamannan’. Mar eisimpleir, ’s e ‘Teaghlach’ an tèam a th’ againn ann am Pàirt 7 den leabhar. Tha ‘Clachan Chalanais’ (1960), ‘E Fhèin ’s a Bhràthair’ (1963), ‘An Dubh is an Gorm’ (1963), ‘An Leanabh’ (1973), ‘An Gunfighter’ (1987), ‘An Guth’ (1991), agus ‘An Coigreach’ (1960) sa phàirt sin. A bharrachd air sin, tha an aon sgeul a’ nochdadh an siud ’s an seo thar nam bliadhnaichean: tha seo gu h-àraidh follaiseach ann an ‘An t-Iomradh’ (1965) agus ‘Na Tòimhseachain’ (1991). Tha luime is call anns a h-uile àite, ach tha àbhachd agus aoibhneas ann aig an aon àm. Is dòcha gu bheil na sgeulachdan anmoch nas buailtiche a bhith dorcha, ach tha fealla-dhà ri lorg annta sin cuideachd.

Tha ceanglaichean ann leis a’ bhàrdachd, leis an dràma, agus le gach rud eile a sgrìobh Mac a’ Ghobhainn. Chan eil teagamh sam bith ann a thaobh sin. Bha ùidh aig Mac a’ Ghobhainn anns na h-aon chuspairean agus tèamannan anns gach raon is modh sgrìobhaidh aige, an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. ’S e coimeas eadar an sgrìobhadh Gàidhlig is Beurla aige a bha san ollamhachd agam, agus rinn mi iomradh air nobhailean, dealbhan-cluich, bàrdachd, sgeulachdan goirid agus eile. Chan e nach eil eug-samhlachd san sgrìobhadh: ’s ann a tha. Ach,  tha na rudan a tha cudromach don sgrìobhadair cho domhainn is cho bunaiteach agus gum bi iad a’ nochdadh uair is a-rithist: beachdan feallsanachail mun bheatha, mun t-saoghal sa bheil sinn beò, mun dearbh-aithneachadh, aonaranachd agus mar sin air adhart.

IMD: A thaobh nan cuspairean, saoilidh mi gun robh e a’ toirt tuilleadh saorsa dha fhèin mar a bha e a’ dol air adhart a dhol an sàs ann ann an cuspairean na b’ aotruime – na b’ fhaoine, cha mhòr nach fhaodadh tu a ràdh.  A chionn gu bheil na sgeulachdan san leabhar seo a’ nochdadh fo chuspairean, chan eil e cho furasta atharrachaidhean san stoidhle a leantainn, ach tha an sgrìobhadh drùidhteach a tha anns na trì leabhraichean a rinn e an toiseach ag atharrachadh gu ìre sa cheathramh leabhar, An t-Adhar Ameireaganach.  Bha seo a’ tachairt san rosg Bheurla cuideachd, agus bha e a’ tachairt sa bhàrdachd, is saor-rannaigheachd a’ tighinn a-staigh. Bha e cuideachd a’ toirt saorsa dha fhèin on àm sin, saoilidh mi, tachartasan beaga na bheatha fhèin a chleachdadh gus sgeulachdan a stèidheachadh orra. Tha cuid de sgeulachdan mar seo a tha dìreach mar eachdraidh air rud a thachair ann an da-rìribh.

LLG: Leis an dà leabhar seo, tha bàrdachd agus rosg Gàidhlig le Mac a’ Ghobhainn ri fhaotainn ann an eagran iomchaidh, agus deiseil airson barrachd rannsachaidh. Dè bhiodh feumail ‘nur beachd – càit’ a bheil na beàrnan as motha?

MJW: Chan eil fhios agam a bheil càil feumail, ach b’ urrainn do chuideigin rud beag a bharrachd a dhèanamh air na h-aistidhean aig Mac a’ Ghobhainn. Cha do sgrìobh e mòran dhiubh, ach tha iad inntinneach. Tha mi fhèin air rud beag a sgrìobhadh man deidhinn, ach bhiodh e inntinneach beachdachadh air dè bha e airson a chur an cèill anns na h-aistidhean nach robh comasach dha a ràdh san sgrìobhadh eile aige. Chuir mi seachad beagan sheachdainean san Leabharlainn Nàiseanta ann an Dùn Èideann a’ dol tro na pàipearan aig Mac a’ Ghobhainn. Tha nòtaichean inntinneach agam a nochd à sin, agus bhiodh e na thoileachas dhomh nam faighinn cothrom rudeigin na bu mhotha a dhèanamh leotha sin. Chan eil fhios agam dè… Nam biodh tìde agus cead agam, bu toil leam na nobhailean a dheasachadh is fhoillseachadh ann an cruinneachadh coltach ris a’ bhàrdachd is na sgeulachdan. Bha Mac a’ Ghobhainn air leth cudromach ann an leasachadh nobhailean na Gàidhlig. Tha mi duilich nach eil e furasta do dhaoine na nobhailean uile fhaighinn tuilleadh – gu h-àraidh Murchadh, a nochd ann an Gairm. Tha Murchadh cho cudromach ri càil a sgrìobhadh ann an rosg na Gàidhlig san 20mh linn, chanainn.

IMD: Bhiodh e feumail na h-aistidhean a chruinneachadh gun teagamh, agus nan cois, ’s dòcha, feadhainn dhe na lèirmheasan aige – sgrìobh e mòran. Agus Murchadh, gu dearbha. Saoilidh mise cuideachd gum biodh e feumail na dealbhan-cluiche aige a chruinneachadh, is dh’fhaodadh an fheadhainn Ghàidhlig is an fheadhainn Bheurla nochdadh san aon leabhar. Cha do dh’fhoillsicheadh thuige seo ach a dhà, A’ Chùirt agus An Coileach, a thug an Comunn Gàidhealach a-mach ann an 1966. Tha leabhraichean slàna (ged as ann goirid) a sgrìobh Iain gun fhoillseachadh fhathast cuideachd, fear air Kierkegaard agus fear air an tug e An Sgoil Comprehensive. Tha cuid mhath a dh’fhaodadh nochdadh fo ainm Iain fhathast. Is bidh cuimhn’ againn gur h-ann bliadhnaichean às dèidh a bhàis a chaidh Am Miseanaraidh fhoillseachadh.

LLG: A-nis, tha sibh deiseil le Iain Mac a’ Ghobhainn, airson greis co-dhiù. Cò na sgrìobhadairean eile a bha ’n sàs ann an sgeulachd-ghoirid ann an Gàidhlig anns an fhicheadamh linn a bhiodh airidh air barrachd aire agus co-cruinneachadh sònraichte?

MJW: Tha gu leòr dhiubh ann. Aig toiseach an linn, bha feadhainn ag obair air ficsean ùr a chruthachadh airson a’ chànain. Agus, ged a tha laigsean san sgrìobhadh, tha e cudromach beachdachadh air na bha iad a’ feuchainn ri dhèanamh: tha thu fhèin air obair air sin mar-thà, agus ’s e deagh rud a tha ann. An uair sin, le stèidheachadh Gairm, nochd grunn de sgrìobhadairean eile a bha mìorbhaileach ann an iomadh dòigh. Bhiodh e math beagan aire a thoirt do chuid de na sgrìobhadairean ‘beaga’ (chan eil mi a’ ciallachadh nach eil susbaint san obair aca, ach gu sìmplidh nach do dh’fhoillsich iad mòran – uaireannan aon sgeulachd a-mhàin no is dòcha dhà no thrì). Tha sinn uile eòlach air an sgrìobhadh aig Iain Moireach is Tormod agus Alasdair a’ Bhocsair. Ach chan eil mòran sgrùdaidh ann fhathast air na leabhraichean aca: bhiodh e math rudeigin den leithid fhaicinn. Aig an aon àm, ged a tha e nas ainmeile air modhan sgrìobhaidh eile, tha mi den bheachd gu bheil na sgeulachdan aig Aonghas Pàdraig Caimbeul fìor mhath agus airidh air ath-leughadh. Bho thoiseach an linn seo, tha gnothaichean air atharrachadh gu mòr, le fada a bharrachd leabhraichean air am foillseachadh. Agus, ged nach eil Gairm againn tuilleadh, tha Steall ann a-nis, a tha a’ leigeil le sgrìobhadairean ùra obair inntinneach fhoillseachadh gach bliadhna. Chan eil mòran a sgrìobh gu leòr airson co-chruinneachadh mar seo, ge-tà. Chan eil fhathast…

IMD: Bu toigh leamsa, nam faighinn ùine, cruinneachadh a chur còmhladh de sgeulachdan le mo sheann bhanacharaid Eilidh Watt nach maireann. Sgrìobh i cuid mhath, is tha feadhainn aca nach eil furasta an lorg, is iad ann an caochladh leabhraichean is irisean. Ach bu mhath a b’ fhiach iad an t-saothair. Tha meas mòr agam air an leabhar de sgeulachdan mun dà shealladh a thug i a-mach, Gun Fhois (Macdonald Publishers, 1987). Bha Iain Moireach a’ bruidhinn air leudachadh air na nochd san leabhar An Aghaidh Choimheach, ach chan eil fhios agam an d’ fhuair e cothrom sin a dhèanamh.  B’ fhiach faighneachd. Tha feum cuideachd air tuilleadh chruinneachaidhean de sgeulachdan goirid le caochladh ùghdaran, leithid Dorcha tro Ghlainne (Gairm, 1970), Eadar Peann is Pàipear (Gairm, 1985) is grunn eile. Smaoinichidhmi air iomadach sgeulachd mhath a b’ fhiach ath-fhoillseachadh mar seo.


Iain MacDhòmhnaill

Tha Iain MacDhòmhnaill à eilean Ghriomasaigh an Uibhist a Tuath, is tha e air a bhith ga chosnadh an Uibhist, am Birmingham, an Glaschu is an Lunnainn, ach airson còrr is deich bliadhna fichead bha e ag obair do Chomhairle nan Leabhraichean an Glaschu. Aig an àm sin reic e mòran leabhraichean is dheasaich e cuid mhath eile, eadar bàrdachd is rosg agus Gàidhlig is Beurla. Dh’eadar-theangaich e grunn cuideachd, leithid nan sgeulachdan ainmeil Cuimreach, Am Mabinogi (1984), agus còmhla ri Boyd Robasdan dh’ullaich e Essential Gaelic Dictionary san t-sreath ‘Teach Yourself‘ (2004 is 2010).

Moray Watson

’S ann à meadhan na h-Alba a tha Moray Watson, ach thug e a-mach a cheumannan ann an Obar Dheathain agus Dùn Dèagh. Tha e na h-àrd-ollamh ann Oilthigh Obar Dheathain. Rinn e ollamhachd air sgrìobhaidhean Iain Mhic a’ Ghobhainn san dà chànain. Dh’fhoillsich e corra leabhar air litreachas na Gàidhlig, a bharrachd air aistidhean is caibideilean. Gu ruige seo, chuir e Gàidhlig air Alice’s Adventures in Wonderland, Hobbit, agus The Time Machine. Tha e air a’ chomataidh stiùiridh aig Ionad Eòghainn MhicLachlainn, cruinneachadh de dhaoine a tha ag obair air eadar-theangachadh sa Ghàidhlig againne agus ann an Gàidhlig na h-Èireann.

Petra Johana Poncarová

Tha Petra Johana Poncarová stèidhichte aig Oilthigh Ghlaschu mar neach-rannsachaidh Marie Curie, ’s i ag obair air pròiseact mu Ruaraidh Arascain is Mhàirr agus na h-irisean a chuir e air dòigh. Ann an 2020, chaidh Derick Thomson’s Gaelic Poetry (Scotnote Study Guide) fhoillseachadh leis an Association for Scottish Literature; agus nochd a’ chiad làn leabhar-rannsachaidh aice, Derick Thomson and the Gaelic Revival, bho Chlò Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2024. Tha i ’n sàs ann an Comann Eadar-Nàiseanta airson Sgrùdadh Litreachas na h-Alba agus ann an Ionad Eòghainn MhicLachlainn. Tha i air a bhith ag eadar-theangachadh bho Ghàidhlig gu Seicis.

Leave a Reply

About

The Glasgow Review of Books (ISSN 2053-0560) is an online journal which publishes critical reviews, essays and interviews as well as writing on translation. We accept work in any of the languages of Scotland – English, Gàidhlig and Scots.

We aim to be an accessible, non-partisan community platform for writers from Glasgow and elsewhere. We are interested in many different kinds of writing, though we tend to lean towards more marginal, peripheral or neglected writers and their work. 

Though, our main focus is to fill the gap for careful, considered critical writing, we also publish original creative work, mostly short fiction, poetry and hybrid/visual forms. 

Find us on:

Discover more from Glasgow Review of Books

Subscribe now to keep reading and get access to the full archive.

Continue reading