Ìmpireileas Rùisgte: Aiste & Trì Dàin le Deborah Moffatt

Anns na beagan làithean sa chaidh, tha ìmpireileas, mar chuspair, air fàs gu math connspaideach. Ann am Breatainn, tha mòran daoine a’ càineadh, no a’ ceasnachadh, a h-uile càil ceangailte ri Ìmpireachd Bhreatainn.

Tha sin reusanta agus riatanach, ’sa mhòr-chuid. Tha feadhainn eile a’ moladh, no a’ dìon, na h-ìmpireachd sin, no dìleab na h-ìmpireachd. Is dòcha gu bheil sin reusanta cuideachd.

Cha ghabh mise taobh ris an dàrna fear dhiubh. Anns na Stàitean Aonaichte, far an do rugadh ’s thogadh mise, cha robh ìmpireileas na phàirt mhòir dhen eachdraidh nàiseanta. Fhuaras fiosrachadh san sgoil mu ìmpireachdan àraidh – Ìmpireachd na Ròimhe, Ìmpireachd Bhreatainn, ’s Ìmpireachd na Spàinnte.

Tha ceanglaichean sònraichte aig gach fear de na h-ìmpireachdan sin ris na Stàitean Aonaichte; an Ròimh, oir bha an ìmpireachd sin ceangailte ri Crìostachd, an Spàinnt leis gun do ‘lorg’ na Spàinntich Ameireaga, agus Breatainn airson a bhith a’ colonachadh pàirt dhen tìr Ameireaganaich. Cha robh ach beagan ionnsachaidh air ìmpireachdan eile, co-dhiù. Bha cuspairean eile a bha na bu chudromaiche, a rèir amasan nan sgoiltean aig an àm ud: cuspairean mar na cogaidhean Ameireaganach – an cogadh saorsa, an cogadh catharra, an dà chogadh mhòr, agus, aig an àm a bha mise sa sgoil, an cogadh ann am Vietnam.

Nuair a thàinig mi a dh’Alba, agus gu h-àraidh nuair a dh’ionnsaich mi a’ Ghàidhlig, thuig mi gur e cuspair cudromach a th’ anns an ìmpireileas do na Breatannaich, agus do na Gàidheil. Tha na ceanglaichean eadar na Gàidheil agus ìmpireileas car iomadh-fhillte. Bhon naoidheamh linn gus an t-aona linn deug bha a’ Ghàidhealtachd na phàirt de Rìoghachd nan Eilean, a bha na thallasocracy, no ‘maritime empire.’ As dèidh sin, bha a’ Ghàidhealtachd na phàirt de dh’ Ìmpireachd Bhreatainn, agus bha na Gàidheil an sàs ann an iomairt na h-ìmpireachd, mar a sgrìobh Silke Stroh: ‘…such international colonial and postcolonial alignments are of course complicated by the fact that many Scots and Gaels were complicit in overseas imperialism.’ (The Bottle Imp, Àireamh 10). Ach air an làimh eile, bha Albannaich (Gallta ’s Gàidhealach) air am fuadachadh do phàirtean eile de dh’Ìmpireachd Bhreatainn.

Is ann nuair a bha mi a’ leughadh The Balkans le Misha Glenny a fhuair mi ùidh na bu mhotha ann an ìmpireachdan eile – gu h-àraidh ann an ìmpireachd nan Otomanach, agus ann an ìmpireachd Ostar-Ungairianach.’ Anns an leabhar sin, a bharrachd air fiosrachadh eachdraidheil, fhuair mi eòlas air ùghdaran ainmeil, mar Ivo Andric agus Mesa Selimovic, a sgrìobh nobhailean stèidhichte anns a’ Bhalcan, agus às na leabhraichean acasan fhuair mi dealbh nas iomadh-fhillte den Bhalcan, agus de dh’ìmpireachdan san fharsaingeachd.

Bha iomradh ann an leabhar aig Glenny air ùghdar nach eil cho ainmeil, Leon Sciaky, agus an leabhar a sgrìobh e mu a bheatha fhèin, Farewell to Salonica. Rugadh Sciaky ann an Salonika ann an 1893, nuair a bha Salonika fo smachd Ìmpireachd nan Otomanach. ’S e Iùdhach Seafardach a bh’ ann an Sciaky, agus bha na h-Iùdhaich nan mòr-shluagh ann an Salonica aig an àm ud. Ach bha measgachadh mòr de chaochladh fhineachan no chinnidhean a’ fuireach ann an Salonika an uair sin; a bharrachd air na h-Iùdhaich, bha Turcaich Mhuslamaich, Greugaich Ortadogsach, Bulgaraich, agus coimhearsnachdan na bu lugha de chinneadhean eile. Agus, a rèir Sciaky, bha na fineachan uile a’ fuireach còmhla gu sìtheil, gu bàidheil. Ach nuair a thàinig ìmpireachd nan Otomanach gu ceann, bha atharrachaidhean mòra ann an Salonika. Thàinig an nàiseantas Turcach, agus, na chois, cairteadh-cinnidh agus sgrios-cinnidh an aghaidh nan Airmeineach, nan Greugach, ’s nan Asirianach. Is math dh’fhaoidhte nach robh ìmpireachd nan Otomanach cho math ’s a bha Sciaky a’ cumail a-mach. Bha an ìmpireachd sin gu math coirbte agus uireasbhach, gu h-àraid a thaobh ionmhais. A dh’aindeoin sin, tha an leabhar aig Sciaky a’ toirt dealbh soilleireachaidh air an ìmpireachd anns an robh e na h-òige.

Chan eil mòran daoine a’ beachdachadh air ìmpireileas le a leithid de mheas anns an latha a tha ann. A bharrachd air sin, chanainn gu bheil ciall an fhacail ‘Ìmpireachd’ air atharrachadh, no gum bi e ag atharrachadh a rèir claon-bhàidh gach duine a bhios ga chleachdadh. Cuideachd, tha ciall an fhacail ‘colonachas’ air atharrachadh, agus e mì-bhreithnichte gu tric. Ach chan e a-mhàin beachdan air ìmpereileas agus ciall an fhacail a tha air atharrachadh. Ged a tha sinn a’ bruidhinn fhathast mu ìmpireileas agus colonachas, chan eil mòran fianais air ìmpireachdan no colonaidhean an làthair fhathast. Dh’fhaodadh nach eil feum orra a-nise, oir tha dòighean no cothroman eile do stàitean cumhachdach a’ bhith a’ cur dhùthchannan agus sluaghan fo smachd.

Ann an Ameireaga a Deas, mar eisimpleir, bha sreath de coups-de-états armailteach bho 1954 gu 1976. Is ann ann am Paraguay a thachair a’ chiad coup; as dèidh sin, ghabh na ‘Milicos’ làmh an uachdair ann an Brasil, Bolivia, Uruguay, Chile, Peru agus Argentina. Cha do thachair sin gun chuideachadh bho bhuidheann eile: bha na Stàitean Aonaichte air cùl a h-uile càil. ’S e ‘Operation Condor’ an t-ainm a bha air an iomairt, anns an do chuir na Stàitean Aonaichte fiosrachadh, sgeamachadh, agus trèanadh air creòtachd, am measg uilc eile. Faodar ràdh gum b’ e seòrsa ìmpireileas os-ìosal a bha seo – ged a bha fios aig cha mhòr a h-uile duine anns na dùthchannan aca gun robh na Stàitean Aonaichte an lùib nan tachartasan sin.

Bha mise ann an Uruguay agus Argentina ann an 1974/75. Ged a bha riaghaltas sìobhalta ann am Argentina an uair sin, bha buidheann na làimh-deise, an ‘Triple A’ (Aliansa Anticomunista Argentina), ag obair os-ìosal, ’s iad a’ marbhadh oileanach, shagartan, luchd-ealain agus sgrìobhadairean, am measg mòran eile. Ann am Buenos Aires, cha robh ach beagan fianais air na sràidean de am marbhachadh a bha a’ dol ann. Ach ann am Montevideo, bha an suidheachadh gu math soilleir. Bha saighdearan armaichte air na sràidean, agus air làithean àraid cha bhiodh duine a’ dol a-mach air na sràidean idir. Latha a bh’ ann bha mise a’ spaidsireachd tron bhaile ann an aodach dubh ’s ruadh, ’s thuirt coigreach rium: ‘Rach dhachaigh!’ Mhìnich e gun robh dathan m’ aodaich cunnartach. Chaidh mi dhachaigh, làn eagail, agus làn tuigse air staid olc na dùthcha.

An e seòrsa ìmpireileis a bha ann an Operation Condor? Bha pàirt mhòr de dh’Ameireaga a Deas fo smachd fheachdan a bha ceangailte ris a’ chùis sin. Ach cha robh na Stàitean Aonaichte a’ tagradh còir air na dùthchannan sin. An àite sin, bhiodh na Ameireaganaich a’ bruidhinn mu dheidhinn dominos, agus mar a thuiteadh na dùthchannan – aon an dèidh aoin, mar dhominos sreathaichte – fo smachd nan Commanach.

Mas e gun robh na Stàitean Aonaichte ri ìmpireileas aig an àm sin, ’s e ìmpireileas do-fhaicsinneach a bh’ ann. Agus cha robh na Stàitean Aonaichte nan aonar anns a’ phlòigh seo. Bha an t-Aonadh Sòbhiatach, no an Ruis, ris an aon chleas ann an àiteachean eile. Ach a bharrachd air iad sin, thar nam bliadhnaichean an dèidh sin bha agus tha buidheannan eile a’ dol an sàs ri seòrsa eile de dh’ìmpireileas do-fhaicsinneach. Is iad sin na h-eucoraich a tha ag obair anns an roinn ris an canar ‘organised crime.’ Tha mòran fiosrachaidh man deidhinn ann am McMafia, leabhar eile a sgrìobh Misha Glenny, agus e a’ sealladh dìreach mar a tha na eucoraich sin a’ toirt buaidh air riaghaltasan air feadh an t-saoghail. Le bhith a’ reic dhrogaichean, no airm, no dhaoine, no rud sam bith eile, tha iad a’ deanamh mòran croin, agus sin, uaireannan, fo dhìon nan riaghaltasan leis a bheil iad ag obair. Chan eil mise nam aonar ann a bhith a’ smaoineachadh air sin mar seòrsa ùr de dh’ìmpireileas: mhothaich mi gu bheil iomadach iomraidhean air an dearbh bhun-bheachd air an eadar-lìon.

O chionn bliadhna no dhà, le m’ inntinn làn smuaintean air ìmpireileas, thòisich mi air sreath de dhàin ùra a sgrìobhadh. Agus thachair gun do sgrìobh mi mu h-ìmpireachdan, ann an chaochladh dòigh – ìmpireachdan meataforach no mac-meanmnach, caillte no maireannach, eachdraidheil no ùra. Bha agus tha mi fhathast a’ sireadh na fìor-bhrìghe de dh’ ìmpireachd agus ìmpireileas. Cuspair torrach – ’s fiachail – airson a’ bhàird!

Iomraidhean

Misha Glenny. The Balkans. Lunnainn: Granta Publications, 2012.

McMafia. Lunnainn: Vintage, 2009.

Leon Sciaky. Farewell to Salonica. Lunnainn: Haus Publishing, 2007.

Silke Stroh. ‘Gaeldom and Multi-ethnic Scotland: A Long History and a Short Story.’ The Bottle Imp, Àireamh 10 (An t-Samhain 2011).


ÌMPIREACHD

Gun ach mo dhà làimh

agus cumhachd treun m’ inntinn,

chruthaich mi m’ ìmpireachd fhèin,

a’ lìonadh nan uairean fada

ann an uaigneas mo leanabais

air cladach carraigeach na mara,

a’ togail thaighean le clachan beaga,

agus bàtaichean le geugan tana

a chuirinn fo sheòl thar sàile.

Ach bha fios math agam riamh nach tilleadh

na bàtaichean sin mus fhàgainn fhìn

an ìmpireachd dhìomhain a rinn mi.

With just my two hands

and the power of my mind,

I created an empire of my own,

filling the long hours

of a lonely childhood

on the rugged sea shore

building houses with little stones

and boats of twigs that I set

to sail across the water

though I always knew that those boats

would not return before I left behind

that vain empire of a childish mind.


AN GEALLADH MAIREANNACH

Chaidh an ìmpireachd air chall.

Thuit na h-eòin uile as an iarmailt,

an cnàmhan a’ sgapadh thar a’ cladaich.

Bha cuimhne agam an uair sin

air sgàile dorch dhen chogadh,

’s gealladh de shaoghal ùr air fàire.

Thill mi don chladach gharbhlach ud,

a’ sireadh faodail am measg a’ bhàrrlaich,

iteagan ’s èiteagan, cnàmhan ’s sligean-mara.

Thill mi dhachaigh le mo phocaidean falamh,

ach bha m’ inntinn làn chuimhneachan

air ìmpireachd bhith-buanta m’òige.

The empire was lost.

The birds fell from the sky,

their bones scattering on the shore.

I remembered, then,

the dark shadow of the war,

and the promise of a new world to come.

I went to that rough shore

searching for treasure in the tide,

feathers and pebbles, shells and skeletons.

I filled my pockets and went home,

my mind filled only with the memory

of the ephemeral empire of my childhood.


BÀS A’ CHRIDHE

Bhiodh e a’ seinn air a’ chabhsair,

ho ro, ho ru

mo nighean bheag bhòidheach,

fad na h-oidhche

bhiodh e a’ seinn anns na sràidean,

òrain-ghaoil

dha leannan ghràdhaichte,

gus tàinig an latha

nuair a dhùisg e air ùrlar-chlàraidh

chruaidh, fhuar,

agus e na phrìosanach, eucorach

gun eucoir, ciontach

gun chiont, mur e eucoir a th’ ann

a bhith ann an gaol,

’s an gaol fhèin ga dhìteadh

gu bàs a’ chridhe.

THE DEATH OF THE HEART

He would sing on the sidewalk

ho ro, ho ru

my fair young maid,

all night long

he would sing in the streets

love songs

to his beloved darling,

until the day

when he woke up on a bed

of cold hard wood,

and found himself imprisoned, a criminal

without a crime,

guilty without guilt, unless it is a crime

to be in love,

and love itself condemning him

to the death of the heart.


’S ann à Vermont a tha Deborah Moffatt. Chaidh triùir cruinneachaidhean dhen bhàrdachd aice air fhoillseachadh, Dàin nan Dùil (Clàr, 2019), Eating Thistles (Smokestack Books, 2019) agus Far From Home (Lapwing, 2004). Tha i air deannan dhuaisean bhàrdachd a bhuannachadh, nam measg Bàrdachd Baile na h-Ùige agus Bàrdachd MacDhomnaill Shlèite. Tha i a’ fuireach ann am Fiobha.

Leave a Reply

About

The Glasgow Review of Books (ISSN 2053-0560) is an online journal which publishes critical reviews, essays and interviews as well as writing on translation. We accept work in any of the languages of Scotland – English, Gàidhlig and Scots.

We aim to be an accessible, non-partisan community platform for writers from Glasgow and elsewhere. We are interested in many different kinds of writing, though we tend to lean towards more marginal, peripheral or neglected writers and their work. 

Though, our main focus is to fill the gap for careful, considered critical writing, we also publish original creative work, mostly short fiction, poetry and hybrid/visual forms. 

Find us on:

Discover more from Glasgow Review of Books

Subscribe now to keep reading and get access to the full archive.

Continue reading