CÒ AN SGEULACHD IS FHEÀRR LEIBH? Taisbeanadh SGEUL / STORY aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

By Petra Johana Poncarová


Chaidh taisbeanadh ùr, SGEUL / STORY, a chuir am bhonn aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann o chionn ghoirid.

A-rèir làrach-lìn an Leabharlainn, “tha Sgeul / Story na taisbeanadh ann an Gàidhlig agus Beurla mu sgeulachdan agus traidiseanan seanchais”, agus tha e a’ toirt sùil air na cuspairean seo gu h-àraid tro na rinn Iain Frangan Caimbeul (Iain Òg Ìle, 1821-1885; IFC an dèidh seo) anns an dàrna leth den naoidheamh linn deug.

Bha obair IFC anabarrach cudromach aig an àm agus tha buaidh air a bhith aige air litreachas agus cultar na h-Alba, ged nach eil e fhèin fìor ainmeil na chòir fhèin. Chaidh e air chuairtean tron Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar anns na 1850an, a’ coinneachadh ri seanchaidhean agus a’ sgrìobhadh sìos na bha aca, uaireannan a’ faighinn sgeulachdan sgrìobhte bhuapa.

Thòisich e le cruinneachadh de beul-aithris ann an dòigh mionaideach agus saidheansail. Chaidh na lorg e fhoillseachadh mar Popular Tales of the West Highlands, ann an ceithir leabhraichean eadar 1860 agus 1862.

Ach, mar a tha e ro thric ann an saoghal litreachas na Gàidhlig, cha deach eachdraidh-beatha IFC sgrìobhadh gu ruige seo, chan eil na leabhraichean aige ri fhaighinn anns na bùithtean ann an dòigh furasta ann an eagran iomchaidh. Mar sin, ’s e euchd a th’ anns an taisbeanadh seo ann an iomadh dòigh, gus aire agus spèis a thoirt do IFC fhèin, do na daoine a bha a’ cumail nan sgeulachdan beò anns na coimhearsnachdan, agus do bheul-aithris na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.

Tha an taisbeanadh a’ mìneachadh ciamar a thòisich cruinneachadh de beul-aithris agus mar a thachair an tionndadh gu dòighean-cruinneachadh ùr-nòsach anns an naoidheamh linn deug.

Aig an àm seo, tron obair-coimeis, dh’fhàs e follaiseach gun robh na dearbh phàtranan, chuspairean, agus charactaran a’ nochdadh air feadh an t-saoghail, mar a mhìnich, nas ainmiche, Vladimir Propp, ann am Morphology of the Folktale (1928). Tha SGEUL / STORY a’ toirt iomraidh air luchd-cruinneachaidh eile, air feadh na Roinn-Eòrpa, a leithid na bràithrean Grimm anns a’ Ghearmailt agus Asbjørnsen & Moe ann an Nirribhidh. Bha IFC na phàirt den ghluasad eadar-nàiseanta seo ann an Alba.

Fad a bheatha, bha ùidh dhomhainn aige anns na dùthchannan Lochlannach agus thug na seann sgeulachdan a chruinnich Asbjørnsen & Moe ann an Norske Folkeeventyr, air an eadar-theangachadh le George Webbe Dasent, buaidh mhòr air. Tha an dàimh seo na phàirt de na ceanglaichean ioma-fhillteach agus àrsaidh eadar Alba agus na dùthchannan Lochlannach, a tha fhathast buntainneach anns an latha an-diugh ann am poilitigs agus cultair, agus tha an taisbeanadh seo a’ sealltainn gu bheil cothroman ùr, tro bheatha agus obair IFC, an càirdeas seo a neartachadh.

Tha iomraidhean anns an taisbeanadh air daoine a bha an sàs ann am beul-aithris ann an Alba, mus tàinig IFC, is Seumas Mac a’ Phearsain (Seumas MacMhuirich, James Macpherson) agus deasbad mu Oisean aig cridhe ghnothaichean.

Bha Ùisdean Cheape agus Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, dithis a tha air a bhith ’n sàs ann an rannsachadh ùr is luachmhor air Mac a’ Phearsain agus a’ bhuaidh aige rè nan linntean, a’ toirt comhairle don taisbeanadh.

Is beag an t-iongnadh gun robh beachdan sònraichte air na rinn Mac a’ Phearsain aig IFC fhèin. Chithear seo ann am Popular Tales of the West Highlands 4, far a bheil Caimbeul a’ cur nam beachdan sin an cèill. Chanainn gur h-e seo aon de na cunntasan as cothromaiche, fiosraichte, agus adhartach a nochd ann an clò ro dh’fhoillsich Ruaraidh MacThòmais an tràchdas The Gaelic Sources of Macpherson’s ‘Ossian’ (1952).

Eadar Mac a’ Phearsain agus IFC, thànaig atharrachaidhean mòra a thaobh beachdan air beul-aithris. Bha Mac a’ Phearsain air a chàineadh air sgàth ’s nach d’fhuair e an dreach tùsail, glan, bunasach, ann an làmh-sgrìobhainn slàn, agus b’ e briseadh-dùil do mhòran nach robh a leithid ann. Nas ainmiche, bha luchd-rannsachaidh agus luchd-cruinneachaidh a’ faighinn a-mach nach robh na tùsan seo ann gu tric – gun robh na sgeulachdan mar mheanbh-bheathaichean, a’ fàs agus ag atharrachadh, na caractaran a’ siubhail, agus gun robh na tionndaidhean eadar-dhealaichte den aon sgeulachd prìseil ann an dòigh aca fhèin.

Bha obair agus dìleas IFC cudromach, ach bha na daoine a thoirt sgeulachdan dha a cheart cho cudromach, agus tha sin follaiseach anns an taisbeanadh.

B’ àbhaist do IFC na h-ainmean aca sgrìobhadh sìos gu mionaideach agus an obair aige a chuir air stèidh cinnteach, saidheansail. B’ e croitearan, iasgairean, luchd-siubhail a bh’ annta, fireannaich agus boireannaich, agus tha mapa ann anns an taisbeanadh le cuid de na h-àiteachan agus ainmean. Ach tha e follaiseach cuideachd nach eil lorg no fios againn air dad mu chuid de na sgeulaichean, agus gun d’fhuair sinne an dìleab aca, ach chaidh na h-ainmean agus sgeul-beatha aca fhèin à sealladh.

’S e taisbeanadh dà-chànanach a th’ ann – agus tha Gàidhlig air a cleachdadh gu cothromach ann an sanasachd, air an làrach-lìn, agus anns an taisbeanadh fhèin (a-mach air na mìneachaidhean mu na tha ri fhaicinn anns na ceasan-taisbeanaidh agus cuid de na h-iomraidhean bho litrichean).

Fiù ’s nas fheàrr, tha na teacsaichean Gàidhlig, a thaobh clò, nas motha agus nas truime. Tha film anns a’ Ghàidhlig le fo-thiotalan sa Bheurla, agus tha an cànan ri chluinntinn anns an seòmar fad na h-ùine – mar sin, tha e follaiseach gur h-e prìomh-chànan a th’ ann an Gàidhlig anns a’ cho-theacsa seo. Cuideachd, tha barrachd air a bhith a’ nochdadh mu stòrasan Gàidhlig aig an Leabharlann Nàiseanta anns a’ chànan fhèin.

Tha na tha ri fhaicinn anns na cèisean-taisbeanaidh tarraingeach agus air an deagh sgeadachadh: leabhraichean-latha a sgrìobh IFC nuair a bha e a’ siubhail agus na dealbhan dath-uisge agus na sgeidsichean (aon dhiubh a rinn e le mòine, uisge-beatha, agus sùith).

Mar sin, tha an taisbeanadh a’ toirt sealladh dhuinn air corpas obrach IFC, mar neach-cruinneachaidh agus mar neach-ealain. Tha an taisbeanadh snasail a thaobh dealbhachadh, agus tha e a’ cleachdadh ealain IFC gu h-èifeachdach. Tha iomadh prèasant is pìos bathair càilear ri fhaotainn ann am bùth an Leabharlainn, a’ toirt cothrom dhuinn a-rithist air ealain IFC – leabhraichean-chuimhneachan, cèisean-peansail, pocanan cotain, is eile – ach chan eil na leabhraichean fhèin air an reic.

’S e call a th’ ann an sin, agus ’s bochd nach robh aon de na taighean-fhoillseachaidh deònach na cruinneachaidhean a chur a-mach a-rithist, le ro-ràdh agus mìneachaidhean (chaidh na h-eagraidhean mu dheireadh fhoillseachadh le Birlinn ann an 2001, agus rinn Wildwood Press eagran facsimile anns na 1980an), ged a tha na seann eagraidhean ri fhaotainn air-loidhne a-nis.

Cha chreid mi nach bitheadh iomadh neach-tadhail dèidheil air barrachd sgeulachdan a leughadh as dèidh an taisbeanadh fhàgail. Chan eil leabhar sam bith mu bheatha no obair IFC air a reic nas motha, ach tha adhbhar sìmplidh ann – cha deach leabhar slàn a sgrìobhadh gu ruige seo.

Tha an taisbeanadh fosgailte, saor an asgaidh do dhuine sam bith – agus tha e goireasach, furasta faighinn timcheall air. Bidh e tarraingeach dhan a h-uile buidheann, ge b’ e dè an eòlas air dualchas na Gàidhlig, eadar clann-sgoile, luchd turais agus raon farsaing dhan t-sluaigh. Tha taigh de ‘chlach’ anns a’ mheadhan, le cathraichean agus sgeilp-leabhraichean làn de sgeulachdan den iomadh seòrsa, agus na clàraidhean de cheithir sgeulachdan a chruinnich IFC, ann am Gàidhlig agus Beurla.

Tha e follaiseach gun obraich SGEUL / STORY fìor mhath airson sgoiltean – le rùm airson gnìomhan-ionnsachaidh agus àite airson cluich, agus le bhideo anns a bheil clann-sgoile a’ dèanamh sgeulachdan ùra dhaibh fhèin, sa Ghàidhlig (’s cinnteach gum biodh ùidh mhòr aig IFC fhèin anns an sgeulachd mu Josie, an dràgon crosta, agus cuirm-ciùil Harry Styles).

Tha e fìor mhath gu bheil SGEUL / STORY cho fosgailte, ach ’s dòcha gur h-e call anns an dòigh a th’ ann nach eil an taisbeanadh a’ faighneachd do luchd-tadhail, mar a b’ àbhaist na sgeulaichean a bhith faighneachd do luchd-èisteachd: cò dhiubh is fheàrr leibh, sgeul fada, no sgeul goirid èibhinn? (no, mar a tha Feste a’ faighneachd ann an Sgeulachd a’ Gheamhraidh, am b’ fheàrr leibh òran gaoil, no òran oideachaidh).

Tha na sgeulachdan beò-ghlacmhor agus brèagha, agus tha e math gu bheil an taisbeanadh gan comharrachadh ann an dòigh snasail agus tarraingeach, ach tha cùisean trom agus connspaideach co-cheangailte riutha agus ris an àm nuair a chaidh iad cruinneachadh.

Cha bhi luchd-tadhail a tha a’ tighinn gun fhiosrachadh sam bith mun chuspair a’ faighinn a-mach mòran mu cho-teacsa eachdraidheil agus poileataigeach. Tha iomraidhean ann air bochdainn de na daoine a thog na sgeulachdan do IFC – ach chan eil sgeul ann air adhbharan na bochdainn. Tha iomradh ann gun do thòisich IFC leis an obair aig an àm nuair a bha e cha mhòr ro anmoch mar thà, agus gur h-e mìorbhail gun do lorg e stòras cho beartach fhathast.

Chaidh na Popular Tales fhoillseachadh tràth anns na 1860an, fichead bliadhna mus deach Coimisean Napier stèidheachadh ann an 1883, agus chan eil guth air na fuadaichean no eilthireachd. Dh’fhalbh na daoine, thog iad an cànan agus na sgeulachdan leotha, agus ged a shàbhail IFG na chaidh a thoirt dha, agus ’s e adhbhar-toileachais a th’ ann gun teagamh, ach ’s e sgeul doirbh a th’ ann cuideachd, mu call air chall.

Gu h-annasach, chaidh sgeul IFC, an duine fhèin, air chall ann an dòigh cuideachd. Bhiodh a bheatha air leth freagarrach mar chuspair-film (no dràma BBC Alba co-dhiù, nobhail ghrafaigeach gun teagamh). Rinn e cuairtean air feadh an t-saoghail, bha e fileanta ann an iomadach cànan, agus bha ùidhean aige farsaing.

Aig toiseach an taisbeanaidh, tha earrann ann a tha a’ mìneachadh gun do thogadh IFC ann an teaghlach uasal, mar mhac uachdarain, leis an robh Ìle aig an àm, gun do dh’ionnsaich e a Ghàidhlig anns a’ choimhearsnachd anns an eilean.

Tha an taisbeanadh a’ toirt iomraidh air mar a thachair e dha nuair a chaill a theaghlach an oighreachd: gun d’fhuair e ceum ann an lagh, air an ùidh aige anns an eòlas-creige is saidheansan eile, agus gun robh na comasan aige a thaobh rianachd agus stiùireadh feumail dha anns an obair-cruinneachaidh cuideachd.

Ach, tha tòrr a bharrachd ann, agus is math dh’fhaoidte gum biodh loidhne-tìde a bhiodh gar treòrachadh tro na tachartasan as cudromaiche na bheatha feumail. Fhuair e oideachadh agus foghlam aig àrd ìre, aig Eton agus Oilthigh Dhùn Èideann. Bha ceanglaichean aige ri teaghlaichean cumhachdach uasail agus fiù ’s ris an teaghlach rìoghail fhèin, aig an àm nuair a bha an Ìmpireachd aig àirde a neirt.

Bha e ag obair mar rùnaire Diùc Earra-Ghàidheal, a bha na Lord Privy Seal, agus b’ e ‘Groom of the Privy Chamber’ aig Bànrigh Bhictoria a bh’ ann an IFC fhèin anns na 1860an. Tha dìomhaireachdan agus beàrnan anns an sgeulachd seo de bheatha cuideachd – cha do phòs e riamh, cha robh clann aige, agus chaidh a thiodhlacadh ann an Cannes, anns an Fhraing.

B’ e sin call as motha, nam bheachd-fhèin, nach deach sgeul iongantach an duine fhèin a chleachdadh ann an dòigh nas follaisiche anns an taisbeanadh seo. Tha sin fìor cuideachd a thaobh nan dealbhan – tha dealbh-camara no dhà bheag dheth ann, ’s e a’ còmhradh ri na seanchaidhean, ach fiù ’s aig toiseach an taisbeanaidh, tha e anns a’ chùlaibh, an dealbh nas ainmeile dheth air a chleachdadh ann an dòigh chruthachail ach mì- shoilleir.

Tha IFC fhèin a’ tighinn am follais tro chuid litrichean agus anns na dealbhan, agus tha seo ga shealltainn mar dhuine feòrachail, sgafarra, àbhachdach. Chì sinn boillsgidhean de phearsantachd an duine cuideachd tro na rudan aige, leithid an leabhar de Oidhcheannan Aràibianach a fhuair e mar phrèasant nuair a bha e òg.

Ged is prìseil na chì sinn mu obair is ealain, ’s bochd gu bheil an duine fhèin a chruthaich iad ann mar fhaileas. Le seo, ’s e taisbeanadh mu sgeulachdan agus traidiseanan seanchais, is chan ann muIFC fhèin. Cuideachd, chan eil iomradh ann air euchdan luch-cruinneachaidh a lean e anns an fhicheadamh linn, le Sgoil Eòlais na h-Alba, luchd-cruinneachaidh cliùiteach, leithid Calum Iain MacGilleathain, agus pròiseactan mar Tobar an Dualchais.

Mar a bhios tric a’ tachairt ann an saoghal na Gàidhlig, ged a nì daoine fa leth, leabhraichean no taisbeanaidhean obair luachmhor, is ann a bhios sinn ag iarraidh an tuilleadh. Cuideachd, chan e ach aon seòmar meadhanach mòr a fhuair SGEUL / STORY, agus chan urrainnear a h-uile rud a chur ann.

Mar mholadh, ’s dòcha gum biodh e feumail nan comharraicheadh an taisbeanadh slighean eile airson daoine a tha ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh mu IFC is obair. Tha seo air dhèanamh dhuinn gu ìre le tar-sgrìobhainnean slàn den uile litir a chaidh cleachdadh anns an taisbeanadh, ach chan eil sanasachd ann – tha an leabhar beag le na tar-sgrìobhainnean dìreach na laighe air a’ bhòrd, agus chan eil e ri fhaotainn anns a’ bhùth nas motha. ’S dòcha gum bi e comasach na slighean eile seo a thairgse do luchd-tadhail tro leabhar-iùil a bhiodh ann airson neach sam bith, no tro aplacaid no còd QR.

Chanainn gu bheil rùm ann airson iomadh sgeul mu IFC, an obair aige agus a bheatha, agus co-theacsa na h-ama, a bhiodh freagarrach do bhuidhnean eadar-dhealaichte, agus gu bheil feum ann orra sin. Chan urrainn do aon taisbeanadh a h-uile rud a dhèanamh, agus tha SGEUL / STORY tlachdmhor agus brosnachail mar a tha e, is tha e cuideachd cudromach mar thoiseach-tòiseachaidh.

Bhithinn an dòchas gum brosnaich seo iomairtean eile gus barrachd rannsachaidh air obair an duine sònraichte seo – agus air an stòras de bheul-aithris a shàbhail e.


SGEUL / STORY. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. 9/06/2023 gu 24/04/2024.

‘S e neach-rannsachaidh, eadar-theangaiche, agus sgrìobhadair a th’ ann am Petra Johana Poncarová, agus tha i air a bhith ag obair ann an Gàidhlig, Beurla, agus Seicis. ’S ann à Poblachd na Seice a tha i bho thùs. Tha i a-nis a’ fuireach ann an Alba agus ag obair aig Oilthigh Ghlaschu. Dh’eadar-theangaich i Deireadh an Fhoghair le Tormod Caimbeul gu Seicis. Tha an leabhar ùr aice air Ruaraidh MacThòmais gu bhith air fhoillseachadh le Clò Oilthigh Dhùn Èideann.

2 responses to “CÒ AN SGEULACHD IS FHEÀRR LEIBH? Taisbeanadh SGEUL / STORY aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba”

  1. Michael S Newton avatar
    Michael S Newton

    Cnuasachadh brioghmhor a sgriobh thu an-seo, a Pheatra. Is cinnteach gum bheil dileab Iain Oig Ile cudthromach ann an iomadh seagh, agus gum bheil a bheatha agus a shaothair airidh air tuilleadh sgrudaidh is speis.

    Cuiream air shuilean dhuibh gum bheil sgoilearachd Iain Oig Ile, agus eadar-theangachaidhean ura de na sgeulachdan aige, a’ nochdadh air feadh an leabhair uir a sgriobh is a dheasaich mi, Into the Fairy Hill, mar a chithear an-seo: https://mcfarlandbooks.com/product/Into-the-Fairy-Hill/

    Tha mi an dochas gum bheil e ri fhaighinn ann an Albainn, ged nach eil mi idir cinnteach.

Leave a Reply

About

The Glasgow Review of Books (ISSN 2053-0560) is an online journal which publishes critical reviews, essays and interviews as well as writing on translation. We accept work in any of the languages of Scotland – English, Gàidhlig and Scots.

We aim to be an accessible, non-partisan community platform for writers from Glasgow and elsewhere. We are interested in many different kinds of writing, though we tend to lean towards more marginal, peripheral or neglected writers and their work. 

Though, our main focus is to fill the gap for careful, considered critical writing, we also publish original creative work, mostly short fiction, poetry and hybrid/visual forms. 

Find us on: