Agallamh LLG còmhla ri Alasdair C. MacIlleBhàin

Tha Alasdair C. MacIlleBhàin na sgrìobhadair, na cheòladair agus na chraoladair. Tha e air dà leabhar fhoillseachadh: Glasgow’s Gaelic Place-Names (Birlinn, 2023), còmhla ri Katherine Forsyth agus Simon Taylor; agus Maim-slè (Theatre Gu Lèor, 2021), leabhar de bhàrdachd agus rosg sean is ùr. 

Photo credit: Rhona NicDhughaill

LLG: Dè an t-ainm-àite as fheàrr leat, agus carson?

Alasdair C. MacIlleBhàin (ACM): Ceist mhòr! ’S toil leam ainmeannan anns a bheil feartan dual-chainnt follaiseach agus anns a bheil facail nach eil cho aithnichte san latha an-diugh. Mar sin, theirinn gur e Gart an Abhaill (Gartnavel, ‘farm of the apple tree’) an t-ainm-àite as fheàrr leam ann an Glaschu co-dhiù. Chaidh an t-ainm seo aithneachadh mar ainm Gàidhlig bho chionn fhada ach bha a’ mhòr-chuid den bheachd gur e am facal ubhal a bh’ aig a bhun. A rèir nan riochdan sgrìobhte a lorg mi fhèin às an 16mh linn ge-tà, theirinn gur e abhall, craobh ubhail, am facal a tha aig cridhe an ainm. A bharrachd air a’ sin, tha ainmeannan-àite leithid Gart an Abhaill air leth cudromach a thaobh na bheir iad dhuinn a thaobh eachdraidh na dùthcha: gu robh a’ Ghàidhlig na prìomh chànan coimhearsnachd ann an Glaschu bho shean. Agus tha abhaill a’ fàs ann an-diugh, air làrach an ospadail: nach bòidheach sin!

LLG: ’S e leabhar air leth a th’ ann an Glasgow’s Gaelic Place-Names, a dh’fhoillsich thu o chionn ghoirid: tha an sgrùdhadh mionaideach agus domhainn agus tha an leabhar furasta ri leughadh aig an aon àm. Ach, a dh’aindeoin sin, tha mòran fhathast ag ràdh nach buineadh Gàidhlig do Ghlaschu idir. Carson?

ACM: Sa chiad dol a-mach, taing mhòr. Chuir sinn romhainn rannsachadh air ainmeannan-àite fhosgladh a-mach don mhòr-shluagh leis an dòigh sgrìobhaidh a th’ againn san leabhar sa. Saoilidh mi gun do chuir na dealbhan a rinn Matt, Hazel agus Massimo aig Dress For The Weather ris an leabhar gu mòr san dòigh ud cuideachd. Tha mi an dòchas gun còrd an leabhar ri daoine, fiù ’s mura leugh iad ach criomagan dheth an siud ’s an seo.

Chan fheum daoine a leughadh o cheann gu ceann air a’ chiad leughadh idir. Co-dhiù, a’ tilleadh don cheist eile, tha sin fìor, gun teagamh, agus saoilidh mi gu bheil droch rùn ris a’ Ghàidhlig co-cheangailte ri dà rud gu h-àraid: mar a chaidh cur sìos air a’ Ghàidhlig bho chionn bliadhnachan mòra is daoine a’ cumail a-mach nach robh luach innte agus nach fhiach a cumail beò. Sin a’ chiad rud. Tha mise air mo mhisneachadh gu bheil an gineal òg a’ gluasad air folbh on bheachd ud ge-tà: chan ann a-mhàin an òigridh aig a bheil buntainneas ris a’ Ghàidhlig o thùs nas motha.

’S e an dara rud a tha air cùl a’ bheachd gu h-àrd dearbh-aithne. Tha mòran daoine ann an Alba nach eil a’ faicinn na Gàidhlig mar phàirt de an dearbh-aithne mar Albannaich; agus faodaidh daoine astar a chur eatorra fhèin agus a’ Ghàidhlig gu pearsanta ma thogras iad gun teagamh. Aon rud nach fhuiling mi ge-tà ’s e daoine ag ràdhainn nach robh a’ Ghàidhlig a-riamh ga bruidhinn ann an Glaschu. ’S e breug a tha sin, tha e cho sìmplidh sin, is mi an dòchas gu bheil an leabhar a’ cur sin an cèill gu soilleir.

LLG: A bheil thu ’n dòchas gun cuidich an leabhar agadsa ris a’ chùis seo?

ACM: Gu dearbha, tha mi an dòchas gun cuir an leabhar ris a’ chùis san dòigh sa. Feumaidh sinn dèanadh cinnteach nach lean na breugan a tha sin mun Ghàidhlig ann an Glaschu. Tha sin mar phàirt den obair againn mar acadaimigich theirinn. Bithear a’ bruidhinn ar Buaidh sna h-oilthighean san latha a th’ ann: a’ toirt buaidh air gnothaichean, air beatha dhaoine agus air beachdan daoine le do chuid rannsachaidh agus saoilidh mi gur e deagh rud a th’ ann gu bheil na h-oilthighean a’ cur barrachd luach ann a’ sin.

A bharrachd air beachdan daoine atharrachadh leis an leabhar agus le tachartasan co-cheangailte ris, tha mi an dòchas gun tog daoine cuid de na riochdan Gàidhlig air ainmeannan-àite Ghlaschu a tha sinn air stèidheachadh san leabhar agus gun cuir iad gu feum iad o latha gu latha, mar a bha iad gan cur gu feum sna làithean a dh’fholbh. Chòrdadh e rium cuideachd beagan ìmpidh a chur air an riaghaltas leis na th’ anns an leabhar ach an cuirear barrachd taic airgid don Ghàidhlig.

’S e sin am prìomh rud a tha a dhìth ma tha an riaghaltas a’ creidsinn ann an da-rìreadh gur ann don dùthaich air fad a bhuineas a’ Ghàidhlig. Agus a thaobh an luchd-rannsachaidh dheth, b’ fheàrr leam gun tigeadh sinn còmhla gus ìmpidh a chur air an riaghaltas barrachd taic a chumail seach dol thar a chèile. Tha e fìor gur e tùsanaich a th’ anns na Gàidheil agus gu bheil daoine san dùthaich seo aig a bheil a’ Ghàidhlig agus aig nach eil a’ Ghàidhlig a tha nan tùsanaich agus gum bu chòir dhuinn barrachd bruidhne a dhèanadh mun sin agus taic a chumail ris na daoine seo air fad.

Tha e cuideachd fìor gu bheil a’ Ghàidhlig a’ buntainn ris an dùthaich air fad nam bheachd-sa is mi air mo mhisneachadh gu bheil barrachd ùidh aig daoine, gu h-àraid an gineal òg, ann an àiteachan air feadh na dùthcha sa Ghàidhlig agus a tha a’ faicinn na Gàidhlig mar phàirt de an dearbh-aithne. Bu chòir dhuinn sin a bhrosnachadh cuideachd. Obair mhòr ach obair riatanach ma tha Alba gus mairsinn mar a tha i.

LLG: A bheil buaidh air a bhith aig d’ obair mar neach-rannsachaidh aig an oilthigh air d’ obair chruthachail mar sgrìobhadair agus cheòladair?

ACM: Tha, gun teagamh. Sa chiad dol a-mach, ’s iomadh tùs air an do chuir mi eòlas mar neach-rannsachaidh air nach robh mi eòlach romhaid, leis na cothroman a fhuair mi aig an oilthigh is cuid den luchd-teagaisg a bh’ agam: sgrìobhaidhean Iain MhicCormaig a thogadh san Ros Mhuileach, mar eisimpleir. Bho chionn ghoirid, gu h-àraid sna co-obrachaidhean ùra agam le luchd-rannsachaidh ann an roinnean eile den oilthigh, bha mi air mo spreigeadh as ùr le beachdan is seallaidhean ùra air cuspairean agus spiorad co-obrachaidh.  Tha mi ag obair còmhla ri Anna NicGriogair a tha na h-òraidiche ann an Eag-eòlas agus Atharrachadh Àrainneachail agus càch an-ceartair air pròiseact co-cheangailte ri eisirein dùthchasach.

Tha mi air mòran ionnsachadh on sgioba seo mu na h-eisirein is e cuideachd air toirt orm fhèin sùil gheur a thoirt air sealladh nan Gàidheal air na h-eisirein agus air a’ mhaorach san fharsaingeachd: sna h-ainmeannan-àite, sna sgeòil, sna h-òrain agus ann an gnàthasan-cainnte. Tha e follaiseach gu robh na h-eisirein agus am maorach a-riamh mar phàirt de bheatha slàn iomlanach nan Gàidheal leis na h-iomraidhean a tha ann agus mar a bhios iad a’ nochdadh mar ìomhaighean sa bheul-aithris is eile; agus tha mi air òran no dhà a thogail as ùr mar phàirt dheth cuideachd, rud a tha daonnan math. Mar sin, ’s aithne dhomh gu bheil mi ann an àrainneachd sgoileireil bhuannachdail an-ceartair.

LLG: Cò na sgrìobhadhairean Gàidhlig nach d’fhuair, nad bheachd-sa, aire gu leòr gu ruige seo? Cò mholainn tu gu h-àraid?

ACM: Tha sinn buailteach sùil a thoirt air na bàird a tha ann an clò gun teagamh agus sin a’ chiad rud a theirinn. Dhomhsa dheth, theirinn gu bheil luach nach gann ann an rannsachadh fìor ionadach agus tha fios agam fhèin gu bheil iomadh bàrd agus dàn às an sgìreachd agam fhèin ann am Muile agus a’ Mhorbhairne a tha ri rannsachadh fhathast; bidh mise daonnan a’ lorg rudan ùra ann an Tobar an Dualchais fhathast nach cuala mi romhaid, leithid seinn Anna Ghreumach bho chionn ghoirid, mar eisimpleir.

Tha mi ag obair an-dràsta air pròiseact beag air òrain Teonaidh Chailein: Teonaidh Caimbeul às Eilean Ì agus An Ros Muileach. Tha mi a’ cur romham cuid de na h-òrain aige a chur air chlàr am-bliadhna mar phàirt den phròiseact agam fhèin, Ainmeannan-Àite Mhuile & Ulbha, agus mar phàirt de phròiseact eile don ainm Ainm-thìr Idhe. ’S e eòlas prìseil ionadach a tha rin cluinntinn ann an òrain Teonaidh Chailein gun teagamh. Tha òran aige don ainm Dìreadh na gualann anns a bheil 22 ainm-àite a tha a’ còrdadh rium gu h-àraid!

Theirinn cuideachd gu bheil sinn buailteach òrain an 19mh linn a sheachnadh leis gu bheil beachd ann nach eil annta ach na h-aon ìomhaighean is na h-aon bhriathran; ach tha ìomhaigheachd agus briathran agus feartan cainnt fìor ionadach daonnan annta a tha fìor inntinneach theirinn.

Tha an dreuchd a tha agam aig an oilthigh air leigeil leam sùil na bu ghèire a thoirt air sgrìobhaidhean agus òrain Iain MhicPhàidein cuideachd, mar eisimpleir. Sin agaibh fear aig a bheil sgrìobhaidhean ann an clò agus aig a bheil cliù mar bhàrd gun teagamh leis gur esan a rinn an t-òran Soraidh leibh is oidhche mhath leibh, mar eisimpleir, ach tha beachdan eile na chuid sgrìobhaidhean a tha fìor inntinneach theirinn, leithid a chuid bheachdan air nàiseantachd.

LLG: Tha thu air a bhith ’n sàs ann an tèatar cuideachd. Air feadh an fhicheadamh linn, bha luchd-iomairt a’ gearain nach robh dràma pailte gu leòr ann an litreachas na Gàidhlig, agus air a chleachdadh gu h-èifeachdach ann an ath-bheòthachadh a’ chànain. Dh’atharraich cùisean gu mòr, ach nad bheachd-sa, dè tha dhìth ann an dràma na Gàidhlig anns an latha a th’ ann?

ACM: ’S iomadh cothrom a tha againn san raon seo nam bheachd. Rud a tha air còrdadh rium ann an saoghal an dràma bho chionn ghoirid ’s e nach eil cruth nan dealbhan-cluiche cho cumhang stèidhte ’s a bha e uair. Tha mòran ciùil ann na làithean sa. Saoilidh mi gu bheil sin a’ fosgladh a-mach cothroman don Ghàidhlig leis gu robh ceòl na phàirt cho mòr de bheatha làitheil nan Gàidheal gu dualchasach – is mi an dùil is an dòchas gum mair sin gun teagamh.

’S iomadh sgeul beag is mòr a th’ againn san dualchas agus bu mhath leamsa barrachd dhiubh sin fhaicinn air àrd-ùrlar is tionndaidhean ùra orra a fhreagras air an latha a th’ ann agus an t-àm ri teachd. Bhiodh e gasta dealbhan-cluiche ùra fhaicinn air àrd-ùrlar a rùraicheas cuspairean mòra a tha a’ toirt buaidh air na Gàidheil agus air a’ Ghàidhealtachd san latha a th’ ann. Tha beachd no dhà agam fhèin a thaobh sin air a bheil mi ag obair an-ceartair. Agus mu dheireadh, tha mi air mo dhòigh gu bheil a’ Ghàidhlig, beag air bheag, ga figheadh a-steach do bharrachd dràma na Beurla aig an ìre as àirde san latha a th’ ann. Tha sin gu mòran feum.

Agallamh: Petra Johana Poncarová & Taylor Strickland

Dealbh: © Rhona NicDhùghaill


’S ann à Muile a tha Alasdair C MacIlleBhàin. Tha e air iomadach òran ùr is tradaiseanta a ghabhail agus a chlàradh còmhla ri luchd-ciùil fad is farsaing, nam measg clàr leis fhèin (Las, 2012), trì clàran leis a’ chòmhlan WHYTE (MAIM, 2021; Tairm, 2019; Fairich, 2016) agus òrain còmhla ri Niteworks (A’ Ghrian, 2022; NW, 2015) agus Struileag/Shore to Shore (Children of the Smoke, 2014). Bha e na sgrìobhadair agus na chleasaiche anns an dealbh-chluich MAIM a chuir Theatre Gu Leòr air àrd-ùrlar ann an 2020. ’S ann air ainmeannan-àite Mhuile agus Ghlaschu a tha sgrìobhadh sgoileireil Alasdair stèidhte sa mhòrchuid thuige seo. Tha e a-nis na Cho-Eòlaiche Rannsachaidh ann an Ainm-Eòlas Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu. Chaidh ainmeachadh mar Thosgaire na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 agus 2020.


← Back

Thank you for your response. ✨

If you enjoyed reading this article, please consider joining our mailing list, to be the first to receive news and updates.

Leave a Reply

About

The Glasgow Review of Books (ISSN 2053-0560) is an online journal which publishes critical reviews, essays and interviews as well as writing on translation. We accept work in any of the languages of Scotland – English, Gàidhlig and Scots.

We aim to be an accessible, non-partisan community platform for writers from Glasgow and elsewhere. We are interested in many different kinds of writing, though we tend to lean towards more marginal, peripheral or neglected writers and their work. 

Though, our main focus is to fill the gap for careful, considered critical writing, we also publish original creative work, mostly short fiction, poetry and hybrid/visual forms. 

Find us on:

Discover more from Glasgow Review of Books

Subscribe now to keep reading and get access to the full archive.

Continue reading